Moch 'S Mi 'g Èirigh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) agus air a sheinn le: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige).

This is a song written by: Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom) and sung by: Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Moch 's mi 'g èirigh 's a' mhadainn
is trom èisleanach m'aigne
is nach èighear mi 'n caidreamh nam bràithrean.
Leam is aithghearr a' chèilidh
rinneas mar ris an t-Seumas
ris na dhealaich mi 'n dè moch là Càisge.

Leam is aithghearr a' chèilidh
rinneas mar ris an t-Seumas
ris na dhealaich mi 'n dè moch là Càisge.
Dia 'na stiùir air an darach
dh'fhalbh air tùs an t-siùil-mhara,
seal mun tug e cheud bhoinne de thràghadh.

Dia 'na stiùir air an darach
dh'fhalbh air tùs an t-siùil-mhara,
seal mun tug e cheud bhoinne de thràghadh.
Ge b'e àm cur a' chorc' e
's mi nach pilleadh o stoc uat,
's ann a shuidhinn an toiseach do bhàta.

Ge b'e àm cur a' chorc' e
's mi nach pilleadh o stoc uat,
's ann a shuidhinn an toiseach do bhàta.
Nuair bhiodh càch cur ri gnìomhadh
bhiodh mo chuid-sa dheth dìomhain,
'g òl nan gucagan fìon air a fàradh.

Nuair bhiodh càch cur ri gnìomhadh
bhiodh mo chuid-sa dheth dìomhain,
'g òl nan gucagan fìon air a fàradh.
Cha bu mharcach eich leumnaich
a bhuinigeadh geall rèis ort
nuair a thogadh tu brèid os cionn sàile.

Cha bu mharcach eich leumnaich
a bhuinigeadh geall rèis ort
nuair a thogadh tu brèid os cionn sàile.
Cha b'iad na luchàrmainn mheanbha
bhiodh ma cupaill ag ealdhadh
nuair a dh'èireadh mòr shoirbheas le bàirlinn.

Cha b'iad na luchàrmainn mheanbha
bhiodh ma cupaill ag ealdhadh
nuair a dh'èireadh mòr shoirbheas le bàirlinn.
Ach na fuirbearnaich threubhach
's deis a dh'iomradh 's a dh'èigheadh,
bheireadh tulg an tus clèith air ràmh bràghad.

Seinneadairean / Performers

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

'S ann à Gleann Ùige a tha Ailean Dòmhnallach agus thòisich e a' cluich na pìoba nuair a bha e naoi bliadhna a dh'aois. Fhuair ...

Fiosrachadh air Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige) / Learn more about Ailean Dòmhnallach (Gleann Ùige)

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.