Moch Diluain (Fàgail Chluaidh)

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain agus air a sheinn le: Calum Ceanadach.

This is a song written by: Iain MacIllEathain and sung by: Calum Ceanadach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Air moch Diluain gum bu mhòr mo smuairean
A' fàgail Chluaidh, 's mi cur suas nan seòl;
Gur h-ann mun ghruagaich a rinn mo bhuaireadh,
Dh'fhàg m' inntinn luaineach le cainnt a beòil:
Do ghaol gam shàrachadh is gam chràdh-lot,
Mar roinnean stàillinn an sàs am fheòil;
Gach latha is oidhche tha thu nam chuimhne
Mo reul-iùil is mo chliù 's mo cheòl.

Dimàirt nuair fhuair sinn gu broilleach cuaine,
An eathair uallach bu chruaidhe bòrd,
Bu trom an iarmailt 's i frasach sgiathach,
Le coltas sgianagarrach air na neòil:
Bha thusa 'n uair sin nad chadal suaimhneach
Gun chuimhne, luaidh, gun robh mi gun dòigh;
'S fear eil air uairean a' dèanamh suas riut,
Airson an tualleis a thog iad oirnn.

Is iomadh iongnadh a tha san t-saoghal;
'S e h-aon dhiubh, ghaoil, chuir nach robh mi d' chòir;
Mu choinneimh m' inntinn gum faic mi d' ìomhaigh,
Ged b' ann a' dìreadh a riofadh sheòl.
Fhuair thu buaidh orm le do bhrìodail,
Mo chridh' gun d' lìon thu gu tinn le bròn,
'S mur dèan mi d' fhaotainn, cha bhuan mo shaoghal,
'S fear eile faotainn le aoigh ort còir.

On fhuair mi d' eòlas bu mhòr mo dhòchas
Gum faighinn còir ort rim bheò a ghràidh;
'S ann air Didòmhnaich 's tu measg nan òighean;
A fhuair mi leòn tha toirt bròn dhomh 'n-dràst':
Bha saighdean luaineach om chridhe gluasad,
A rinn mo bhuaireadh, a luaidh gu gràdh;
'S mas fear ùr leis an d' rinn thu lùbadh,
Bidh mise tùrsach gun sunnd rim bheò.

Nam bu bhàrd mi gu dèanamh dhàna,
Gun cuirinn àird air do chliù ro-mhòr;
Od cheann gud shàiltean gun mheang gun fhàillinn,
Gur fallain dh'fhàs thu a-nuas od òig:
Gur deirg' do ghruaidhean seach ròs nam bruachan
Fo dhuilleach uaine nan cluan 's nan còs:
Tha fiamh do ghàire cur saighdean gràidh ann
Am chridh' gach latha on a thog sinn seòl.

Gur iomadh buaireas a bhios a' gluasad,
Am measg an t-sluaigh nuair a bhios iad òg;
'S e sin a chruadhaich do chridhe bhuam-sa
On ghabh mi chuairt seo do Mhontreal;
Gur ceart a tha thu on rinn thu m' fhàgail,
'S nach leig do nàdar leat tighinn nam chòir,
'S fear eile am àite toirt gealladh làidir,
'S e cur ort fàilte le fàinne phòst'.

'S e fiamhachd d' aodainn a rinn mo shlaodadh,
'S a thug a thaobh mi le gaol bha mòr;
Gur maiseach fìnealt, gur fallain dìreach
Tha pears' na rìbhinn air bheil mi' n tòir;
Tha fiamh do chuailein 's e sìos mud ghuaillean
A' snìomh na duailean, air tuar an òir,
Beul cuimir guamach nam bilean snuadhmhor
Fo shùilean luaineach na maighdinn òig.

Air mheadhan oidhche ged b' ann ga stiùireadh
Gur tric mi cuimhneachadh air do dhòigh
Mo shùil sa chombaist ga cumail dìreach,
'S an fhairge mhìlteach a-nuas fo sròin;
A sgiathan sgaoilte ri cruas na gaoithe,
'S i feadach caonnagach air gach ròp;
Is gillean aotrom cur rithe h-aodach,
'S a' sneachd' na chaoran mu chaol an dòrn.

Ach bha do ghaol dhomh gu pailt ri fhaotainn,
Ged 's mòr an caochladh a thàinig oirnn;
Is iomadh gamhlas a bh' anns an àm rinn,
Airson gun d' gheall mi gum bitheamaid pòst';
Chreid thu 'n tuaileas a rinn iad suas dhut
A chum gum buaireadh iad thu le sgleò,
'S ma rinn thu m' fhàgail mo chreach 's mo chàradh,
Mo shoraidh slàn leat, a ghràidh, rid bheò.

'S a Mhàiri bhòidheach gur trom mo chòmhradh
On latha dh'fhògair iad bhuam do ghaol;
An comann blàth bha gu coibhneil, càirdeil
Le mì-rùin chàich gun deach e ma sgaoil;
Na gillean òga a thog an sgleò seo
Cha dèan e stòr dhaibh cho mòr 's a shaoil,
Cha chuir e sìos mi 's cha toir e mì-chliù
Air aon den linn a thig air mo thaobh.

Ma thug thu cùl rium gur beag mo chùram
Gur h-iomadh flùr a tha fàs fon ghrèin,
Is maighdeann bhòidheach a th' ann ded sheòrsa
Is aithne dhomh-sa thig air mo rèir,
Gun stiùirinn bàta nan sgiathan pràise,
'S na croinn àrda gun dèanainn feum;
'S bheir Rìgh nan gràsan sinn dhachaigh sàbhailt'
Thar luinn an t-sàile gu cala rèidh.

Seinneadairean / The Performers

Calum Ceanadach

Calum Ceanadach

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.