Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Dòmhnall MacNeacail agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig an òbain agus Raymond Bremner.
This is a song written by: An t-Urr. Dòmhnall MacNeacail and sung by: còisir ghàidhlig an òbain and Raymond Bremner.
Dh'èirich mi moch air madainn an-dè,
'S gun gheàrr mi 'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgèil;
An dùil gum faicinn fhèin rùn mo chlèibh;
Ochoin, gum facas, 's a cùl rium fhèin.
Sèist / Chorus
Och och, mo chailin, 's mo shùil ad dhèidh;
Och och, mo chailin, 's mo shùil ad dhèidh;
A Lili, mo Lili, 's mo shùil ad dhèidh.
Cha lèir dhomh 'm bealach aig cumha nan deur.
Nam biodh siud agam, mo lùth 's mo leum,
Mi 'm suidh air a' bhealach 's mo chù air èill,
Gun dèanainn-sa cogadh gu làidir, treun,
Mun leiginn mo leannan le fear tha fon ghrèin.
Tha mulad ormsa is fiabhras mòr,
O chualas gun deach thu le Brian a dh'òl;
Mo chomann cha dèanainn ri mnaoi tha san fheòil,
O rinn thu mo thrèigsinn 's mi fhèin a bhith beò.
O, chan eil uiseag no aoilinn bhàn,
Am bàrr a' chaisteil san robh mi 's mo ghràdh
Nach eil ri tuireadh do dh'oidhche 's do là,
O chual iad gun ghlacadh mo chailin air làimh.
Nan tigeadh tu 'm baile led ghille 's led each
Gum fosglainn an doras 's gu leiginn thu steach,
Gun dèanainn do leaba, 's gun laighinn fhèin leat
'S cha b' fhad' leinn an oidhch' ged bhiodh mìos innt' air fad.
Chaidh facail an òrain mar a tha iad gu h-àrd fhoillseachadh an toiseach ann an Dùn Èideann ann an 1786, anns an leabhar Co-chruinneachadh Taoghta de Shaothair nam Bàrd Gaelach, cruinneachadh a rinneadh le na bràithrean Alasdair is Dòmhnall Stiùbhart.
Rugadh Raymond Bremner ann an Dùn Èideann air 1 Giblean, 1966. 'S ann à Inbhir Ùige a tha athair agus buinidh a mhàthar do Phenicuik, ...
Fiosrachadh air Raymond Bremner / Learn more about Raymond BremnerCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.