Òran air a sgrìobhadh le: baintighearna de theaghlach shlèite agus air a sheinn le: Anna Mhoireach agus Anna Nic na Ceàrdaich.
This is a song written by: baintighearna de theaghlach shlèite and sung by: Anna Mhoireach and Anna Nic na Ceàrdaich.
Sèist / Chorus
O nach tigeadh mo robairneach gaolach,
bìrlinn aige agus ceatharna dhaoine,
dhèanainn-sa mire 's cò theireadh nach fhaodadh?
B' aighearach mise nan tilleadh a' ghaoth sibh.
Tha bhìrlinn a' tighinn fo h-uidheam an tràth-sa,
Timcheall an rubha agus buidheann mo ghràidh innte,
Fear a' chùil bhuidhe na shuidhe air a bràighe,
'S tu dhèanadh a stiùireadh ri cùl nan tonn àrda.
Nam biodh siud agadsa, claidheamh is targaid,
Gunna bheoil laghaich b' e do roghainn a dh'arm e
Paidhir mhath phiostail fo chrios nam bann airgid,
'S leannan tè òig thu cho bòidheach 's tha an Albainn.
Nan tigeadh tu fhathast b' e m' aighear 's mo rùn thu,
Cead bhith gad choimhead gum b' aighearach leam e,
Nuair dh'èireadh tu 'd sheasamh bu deas thu air ùrlar,
Buadh-fhear an dannsa agus annsachd na cùirte.

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...
Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach
'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...
Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na CeàrdaichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.