Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacIllEathain agus air a sheinn le: Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).
This is a song written by: Calum MacIllEathain and sung by: Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin).
Mo rìbhinn dhonn gur trom tha mi
Bho dhealaich sinn Diluain
Tha mi gun fhonn 's tha m' aigne trom
'S mi nochd air àrd a' chuain;
Tha m' inntinn leòint, tha mi fo bhròn
Gun cuir i sròn mun cuairt
'S gu stiùir i cùrs air ais a-rithist
Don tìr sa bheil mo luaidh.
Nuair chaidh ar gairm gu fair' innte
An-diugh sa mhadainn thràth
Bu shuaimhneach na mo chadal mi
'S mi còmhradh ri mo ghràdh
Bha sinn nar suidhe gu dòigheil
Ann an seòmar òrdail blàth
'S i 'g ràdh rium, "Trèig an t-seòldaireachd
Is pòsaidh sinn gun dàil."
Ach nuair a rinn mi dùsgadh
'S a dh'fhosgail mi mo shùil
'S ann bha mi 'm focsail aognaidh fuar
'S gum b' fhada bhuam mo rùn.
Bha onfhadh fairge oirnn mun cuairt
Cha b' e sin thug bhuam mo chùrs
Ach an tè bha fagus dhomh nam shuain
Bhi fada bhuam nam dhùisg.
Ged nach do rinn mi sgrìobhadh
Gus innse dhut mar bha
Chan eil mi 'n dùil gun dèan thu, rùin,
Do chùl chuir rium gu bràth.
Tha mise nochd air àrd a' chuain
'S gur fada bhuam thu, ghràidh
Cha tug mise idir dhutsa fuath
'S mo smuaintean ort gach là.
Chunnaic mi nìghneagan gu leòr
Gach seòrsa tha fon ghrèin
Bha cuid aca bha mar an t-òr
Iad bòidheach glan nan gnè;
Ach 's mo dhùil ma bhios mi beò
'S gun treòraich Dia mo cheum
Gun till mi air ais gu Eilean Leòdhais
Gu mo rìbhinn àlainn fhèin.
Rugadh Uilleam Moireasdan, Uilleam a' Ghladstoin (1915-1981), ann an Lìonal, mac Dhòmhnaill Thòmais agus Chairstìon' Iain, às na Còig Peighinnean ann an sgìre Nis. Bha ...
Fiosrachadh air Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin) / Learn more about Uilleam Moireasdan (Uilleam a' Ghladstoin)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.