Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn).
Sèist / Chorus
Mo nìghneag bhòidheach Uibhisteach,
Mo chruinneag chridheil, shunndach,
'S i rùn mo chridhe gnùis na h-ighinn,
Bu mhiann leam suidhe dlùth dhi.
Mo shoraidh leis a' ghrugaich òig
Sa bheil mo dhòchas dùbailt',
Gum bi mi bruadar ort nam shuain
A' smaointinn ort nam dhùsgadh.
Tha mhaighdeann òig as bòidhche fiamh
An tìr nan sliabh 's nan stùcan,
Gum b' e mo mhiann mun laigheadh grian
An-diugh bhith triall ga h-ionnsaigh.
Dol air tìr aig Cearsabhagh
'S e m' aigne bhios sunndach,
Toirt m' aghaidh air an taobh an iar
Far faic mi miann mo shùilean.
'S goirid gus am fàg sinn Cluaidh,
Air bàta luath na smùide,
'S a Loch nam Madadh thèid i leinn,
Cho dìreach 's a nì cùrsa.
Canar Seumas Ailig Eòghainn ri Seumas Caimbeul às an Ìochdair an Uibhist a Deas. Rugadh e san t-Samhain 1973 agus thogadh e le sheanair, Ailig ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn) / Learn more about Seumas Caimbeul (Seumas Ailig Eòghainn)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.