Mo Nighean Donn na Buaile

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: Alasdair Friseal, Dòmhnall MacAonghais agus teàrlach macCoinnich.

This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: Alasdair Friseal, Dòmhnall MacAonghais and teàrlach macCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo nighean donn na buaile
Dham bheil an gluasad rèidh,
Do chalpannan deas bòidheach,
Troigh chòmhnard nach lùb feur;
Do shlios cho geal is an fhaoilinn
Air madainn chiùin ri grèin;
Nach gòrach mi thug gaol dhut
Is nach fhaod sinn bhith rèidh.

Cha tug mi gaol do dh'airgead
Is cha tug mi gaol do dh'òr;
Cha tug mi gaol don fhìon dhearg
Tha lìonadh anns an stòp;
Cha tug mi gaol do shìde
Cha tug mi gaol do stròl
Is nach neònach leibh an gaol sin
Tha daonnan am leòn.

Is ged gheibhinn-sa an Roinn Eòrpa
Is na bheil de stòras innt';
Ged gheibhinn siud o m' òrdugh
Is àite-còmhnaidh innt';
Ged dh'èighte na mo dhiùc mi
Is ged chrùinte mi nam rìgh,
O b'annsa bhith riut pòsda
Mar diùltadh tu mi.

Dè rinn mi ort de dh'eucoir
Gun trèigeadh tu mi?
Cha tugainn-sa beum ort
Ged a dhiùlt thu mi.
Cha chreidinn-sa droch-sgeul ort
Cha bu lèir dhomh i,
Is ged chuireadh iad a' bhreug ort
Chan éistinn-sa rith'.

Mo chridhe cha dèan èirigh
Ged dh' èistinn-sa ri ceòl;
M' aigne chan eil aotrom
Ged is fheudar dhomh bhith beò;
Tha leann-dubh air m' fhaotainn
Is mi daonnan fo bhròn;
O b'fheàrr mun tug mi gaol dhut
Bhith an caol ciste nam bòrd.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall MacAonghais

Dòmhnall MacAonghais

Bhuineadh Dòmhnall MacAonghais, Dòmhnaill Ailig Aonghais Beasadh (1923-1993) do Ghearraidh-lapain aig Ceann na Coille, mu thrì mìle a-mach à Port Rìgh air rathad an t-Sruthain. ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacAonghais / Learn more about Dòmhnall MacAonghais
Alasdair Friseal

Alasdair Friseal

'S ann à Raon Mòr ann an Aichillidh Bhuidhe a bha Alasdair Friseal (1905-1975) agus b' e an gille a b' òige ann an teaghlach ...

Fiosrachadh air Alasdair Friseal / Learn more about Alasdair Friseal

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.