Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig), seumas mac an t-Sagairt agus Uilleam Dòmhnallach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig), seumas mac an t-Sagairt and Uilleam Dòmhnallach.
Sèist / Chorus
Mo nighean donn à Còrnaig,
Gu robh thu buidhe bòidheach,
Mo nighean donn à Còrnaig.
Gur olc an sgeul a chuala mi
Diluain an dèidh Didòmhnaich.
Nuair chaidh càch dhan t-searmon
Chaidh na cealgairean dhan mhòintich.
'S gu robh do chuailein slaodta riut
'S do lèine chaol na sròicean.
'S do chìochan mìne geala
A' call na fala còmhla.
Mo nighean bhuidhe bhadanach,
Na cadal air a' mhòintich.
Gur olc an obair maidne dhomh
Bhith cur nam fear an òrdugh.
'S gur olc an obair feasgair dhomh
Bhith deasachadh do thòrraidh.
'S an leann a chaidh gu d' bhanais
Air d'fhalaire dh'òladh.
'S truagh nach robh mi n taice ris
Na balaich rinn an dò-bheart.
Is claidheamh fada rùisgt' agam
Gum feuchainn lùths mo dhòrn orr'.
Sgeulachd an Òrain
Chan eil fiosrachadh ri fhaighinn mun òran seo ach a-mhàin na nithear a-mach bho na facail agus tha coltas nach eil an t-òran slàn mar a tha e againn an-diugh. Tha e follaiseach gun deach nighean òg a murt le a bràithrean fhèin gus nach pòsadh i cuideigin nach robh iad a' meas freagarrach dhith.
B' e aon de na h-òrain air an robh am bàrd Somhairle MacGill-Eain anabarrach dèidheil, agus bhruidhinn e mu dheidhinn aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis air 19 Giblean, 1938:
"The poem is characteristic in its simple intensity, its sheer economy of word, the lack of any romantic appurtenances, the horror that makes little comment, letting the story speak for itself.
"It is life contemplated with intense emotion, an emotion that is all the greater because of its reticence; there is no haze or mysticism of any kind."
(Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Leabhar 37)

Rugadh Uilleam Dòmhnallach ann am Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh air 19 Dùbhlachd, 1934. B' e athair Uilleam Uilleim Phàdraig à Drinisiadar na Hearadh ...
Fiosrachadh air Uilleam Dòmhnallach / Learn more about Uilleam DòmhnallachTha cuimhne aig gu leòr an Uibhist fhathast air Ceit NicNeacail, Ceit Phàdraig Mhòir. Bhiodh i a' seinn, gun sguir cha mhòr, aig bainnsean, a-staigh ...
Fiosrachadh air Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig) / Learn more about Ceit NicNeacail (Ceit Phàdraig)Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.