Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacIllEathain (Bàrd Bhaile Ghobhainn) agus air a sheinn le: calum ceanadach, Calum Ceanadach agus Lorna NicCharmaig.
This is a song written by: Niall MacIllEathain (Bàrd Bhaile Ghobhainn) and sung by: calum ceanadach, Calum Ceanadach and Lorna NicCharmaig.
Thoir mo shoraidh nunn thar chuantan
Gu mo mhàthair, 's fhada bhuam i;
Cha chùm astar mòr a' chuain a gaol o m' chridh'.
'S i rinn m' altram 's mi nam phàiste
'S ann na gràdh a fhuair mi m' àrach;
O, chan fhàillinnich gu bràth mo spèis-sa dhi.
Sèist / Chorus
Tha mo smuaintean oirr' nam dhùsgadh;
Na mo chadal tha i dlùth dhomh;
Tha i daonnan air mo chùram anns gach nì.
'S tha a pearsa aoigheil shunndach
Na mo shùilean fad na h-ùine;
'S e bhith faighinn null d' a h-ionnsaigh rùn mo chridh'.
Nuair a chuimhnicheas mi m' òige
Is an gaol a thug i dhòmhsa,
Thig na deòir a ruith gu deònach bho mo chridh'.
Bidh a fair' orm is a cùram
Nuair a bha mise nam naoidhean
Dùsgadh iarrtais bhith a cluinntinn fuaim a bil'.
Chì mi bothan 'n glaic nan gleanntan,
Seasgair, sàmhach, blàth sa gheamhradh;
'S tric a' ruith mi cas-ruisgt', ceann-ruisgt' feadh na tìr.
'S ma gheibh mise dhachaigh sàbhailt'
Dh'ionnsaigh 'n tìr san d'fhuair mi m' àrach,
Gheibh mi fàilte chridheil, chàirdeil ann is sìth.
Ged a tha i nis fàs aosda,
O, cha lughdaich siud mo ghaol-sa
Do 'n tè 's gràdhaiche san t-saoghal mhòr rium fhìn.
'S nuair a ruigeas mise broilleach
San robh mo cheann beag tric a' falach,
Gheibh mi aoibhneas agus sonas 'm blàths a cridh'.
Ged a tha mi seo air faondradh
Ann an tìr taobh thall an t-saoghail,
'S ged tha cuantan sgaoilte eadar mise 's i.
'S e mo dhùrachd a dhol dhachaigh
Gu mo mhàthair anns a' chlachan
'S a bhith 'g ailleis bhith nam bhalach beag a-rìs.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum Ceanadach
'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a ...
Fiosrachadh air Lorna NicCharmaig / Learn more about Lorna NicCharmaigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.