Mo Dhachaigh

Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacPhàrlain agus air a sheinn le: Seasaidh Niven NicLachlainn agus seinn aon neach (Mnathan).

This is a song written by: Calum MacPhàrlain and sung by: Seasaidh Niven NicLachlainn and seinn aon neach (Mnathan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Seinn hìribh o hiùraibh o, hùgaibh o hì,
Seo agaibh an obair bheir togail dom chridh';
Bhith stiùireadh mo chasan dom dhachaigh bhig fhìn
Air crìochnachadh saothair an latha dhomh.

Rachadh treun-fhir an cèin an dèidh sonais is glòir,
Is poitearan gòrach nan tòir don taigh-òst',
Biodh spìocairean crìonta gan iarraidh san òr,
Gheibh mise làn-shòlas nam fhàrdaich.

Seall thall thar an aiseig am fasgadh nan craobh,
Am bothan beag glan ud 's e gealaichte le aol;
Siud agaibh mo dhachaigh, 's i dachaigh mo ghaoil,
Gun chaisteal san t-saoghal as fheàrr leam.

Tha maise an àite ag àrdach' a luach;
Tha 'n t-sòbhrag 's an neòinean a' còmhdach nam bruach;
Tha toman ga dhìonadh o shìon an taobh-tuaith;
'S mun cuairt air tha cluanagan àillidh.

Tha nàdar san àite ud a ghnàth cur ri ceòl;
Mur e an smeòrach san duilleach 's e uiseag sna neòil;
No caochan an fhuarain a' gluasad tron lòn;
No Mòrag ri crònan don phàiste.

Mo dhùrachd 's mo bheannachd dhut, bheanag na loinn,
Tha fritheal' mu 'm fhàrdaich 's ag àrach mo chloinn;
Do chridhe 's do nàdar gun àrdan, gun fhoill,
Ach caoimhneas a' boillsgeadh nad bhlàth-shuil.

Air ciaradh don fheasgar 's mi seasgar fo dhìon,
Mun cuairt air a' chagailt bidh aighear gun dìth;
Na pàistean ri àbhachd 's am màthair ri snìomh,
'S mo chridh-s' air a lìonadh le gràdh dhaibh.

Air falbh uam a' mhòrchuis, an t-òr agus cliù,
Chan eil annta ach faoineas is saobh-ghlòir nach fhiù;
Chan fhàgainn mo dhachaigh 's bean-chagair mo rùin
Gu bhith sealbhachadh lùchairt le bànrigh.

Seinneadairean / Performers

Seasaidh Niven NicLachlainn

B' i Seasaidh Niven NicLachlainn a' chiad ghuth Gàidhlig a chaidh riamh air clàr gramafon. Chuir i trì òrain air clàr ann an Glaschu air ...

Fiosrachadh air Seasaidh Niven NicLachlainn / Learn more about Seasaidh Niven NicLachlainn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.