Òran air a sgrìobhadh le: Niall MacLeòid agus air a sheinn le: Raghnall MacGillìosa.
This is a song written by: Niall MacLeòid and sung by: Raghnall MacGillìosa.
Ochoin, a Rìgh, gur e mi tha muladach!
Nach robh mi 'n Ile, 's mo rìbhinn lurach ann;
'S i thogadh m' inntinn le brìodal cuireideach,
'S e bheir fo chìs mi mur till i tuilleadh rium.
An eilean uaine nan cluaintean glacagach
A dh'fhàg mi ghruagach is uaisle cleachdaidhean;
Gur tric mi bruadar mo luaidh bhith 'n taice rium
'S nuair nì mi dùsgadh mo rùn chan fhaicear leam.
Chan e cuid stòrais thug dhòmhs' an acaid seo
Ach meud a bòidhchead 's a còmhradh faiceallach;
Tha cruth gun fhòtas 's gach seòrsa mais' oirre
'S a guth cho ceòlmhor ri eòin na maidne leam.
Ged tha Dùn Èideann cho èibhinn, caithreamach,
's nam mìltean tè ann mar reultan lainnireach,
Len òr a' deàrrsadh air sràid cho faramach
Ach cha bhi 'n àilleachd no 'm blàth ro mhaireannach.
Thoir dhòmhs' a' mhaighdeann tha baindidh, cumadail
Gun cheilg, gun fhoill ach gu coibhneil furanach;
Ged nach biodh saibhreas no h-oighreachd bunaiteach
Gum bithinn aoibhneach le loinn na cruinneig sin.
Ged chaidh a h-àrach aig tràigh nam marannan
Tha buadhan làidir 's tha nàdar carthannach;
Thug gaoth nan àrd-bheann dhith slàint' is fallaineachd
Mar ròs an gàrradh fo bhlàth gun fhannachadh.
'S gur e mo dhùrachd bhith dlùth don chala sin
Nuair thèid an dùdhlachd air chùl chan aithreach leam;
Cha tug mi dùil dheth nach stiùirinn thairis ann,
A dhèanamh cùmhnant ri rùn nan caileagan.

Rugadh Raghnall MacGillìosa, ann an Leacan Lì, ann am Bàigh na Hearadh, air 22 Ògmhios, 1918. Bha athair, Aonghas MacGillìosa, Aonghas Chaluim Ghilis, à Leacan ...
Fiosrachadh air Raghnall MacGillìosa / Learn more about Raghnall MacGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.