Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Eòghainn Moireasdan, Màiri Nic a' Ghobhainn agus Murchadh Iain MacCoinnich.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Eòghainn Moireasdan, Màiri Nic a' Ghobhainn and Murchadh Iain MacCoinnich.
Sèist / Chorus
'S ò hò rì a rathail ò
Ò a rì a rathail ò
Hò rò bilean, hogaibh ò
Mo chridhe trom 's mi seòladh.
Nuair a sheòl sinn mach à Cluaidh
Shil is shèid i, 's dh'fhàs i fuar;
'S ann ormsa thàinig a dhol suas
Mo thruaighe, 's gun mi eòlach.
Thuirt am mate rium dhol dhan chrann;
Thuirt mi ris nach d' rachainn ann;
Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann,
'S e nì a gheall thu dhòmhsa."
Nuair a ràinig mise suas
Cheangail mi gach topsail cruaidh;
'S nuair a thàinig mi a-nuas
Thuirt e, "Chan eil e uabh'sach bòidheach!"
Thuirt mi ris mur dèan e feum
Seo a' fear nach seall na dhèidh;
Ged a rachadh e na bhrèidean
Dha na speuran còmhla.
'S g' eil na Sasannaich cho cruaidh,
Gu bheil a' Bheurl' aca cho luath;
'S ged chuireadh e ghob nad chluais,
Cha chluinn thu fuaim ach neònach.
Nuair a ràinig mi 'm Broomielaw,
Sheas mi tacan air an t-sràid;
Thàinig tè a ghlac mo làmh
Chuir fàilt' orm le sòlas.
Labhair i gu modhail ciùin
"'S fhad' o b' aithne dhòmhs' thu, rùin.
Gheibh thu deoch as fheàrr na lionn,
Ma thèid thu leam do sheòmar."

Rugadh Eòghainn Moireasdan, Eòghainn Fhionnlaigh Chìobair anns an t-Samhain 1899 ann am Baile Ghobhainn an Glaschu. Bha Fionnlagh Cìobair à Grèinetobht, Uibhist a Tuath agus bha e ...
Fiosrachadh air Eòghainn Moireasdan / Learn more about Eòghainn Moireasdan
Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far a robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...
Fiosrachadh air Màiri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Màiri Nic a' Ghobhainn
Rugadh Murchadh Iain MacCoinnich, Murdo John na Mol, ann an Cros, ann an Nis, Leòdhas, air 6 Ògmhios 1943. B' e Murchadh a bh' air ...
Fiosrachadh air Murchadh Iain MacCoinnich / Learn more about Murchadh Iain MacCoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.