Mo Chridhe Fo Leòn

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Coinneach MacLeòid agus air a sheinn le: alasdair macCulloch.

This is a song written by: An t-Urr. Coinneach MacLeòid and sung by: alasdair macCulloch.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mo chridhe fo leòn, ochoin nach fhaod mi bhith ann
Mo chridhe fo leòn, ochoin nach fhaod mi bhith thall
Mo chridhe fo dhìobhail rìgh! nach robh mise thall
An eilean mo chridhe 's fo thaobh-ghil leitir nam beann.

Sìor iargain nam chom is fonn an Eilein nam chluais
Sìor chrònan nan allt nan deann-ruith siaradh gu cuan
Sìor ghàirich nan stuadh sìor bhualadh shìos agus shuas
Is nìghneag nan dual ri duan fo leitir nam beann.

Tha cuid de mo shluagh nan suain an eilean mo ghràidh
Tha cuid diubh nan dùisg ri ùrnaigh dhìon air mo sgàth
'S cha chaill mi mo dhùil 's mo rùn mun crìochnaich mo latha
Gun till mi, dheòin Dia, gu m' iarrtas leitir nam beann.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.