Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacIllEathain (Calum a' Ghlinne) agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.
This is a song written by: Calum MacIllEathain (Calum a' Ghlinne) and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.
Mo chailin dhonn òg 's mo nighean dhubh thogarach
Thogainn ort fonn, neo-throm gun togainn,
Mo nighean dubh gun iarraidh, mo bhriathar gun togainn,
'S gun innsinn an t-adhbhar, nach eileas gad thogradh,
Mo chailin dhonn òg.
Gu bheil thu gu bòidheach, bainndidh, banail,
Gun chron ort fon ghrèin, gun bheum, gun sgainnir;
Gur gile thu fod lèine na eiteag na mara,
'S tha coir' agam fhìn gun chèile bhith mar riut.
Mo chailin dhonn òg.
Gur muladach mi 's mi 'n dèidh nach math leam,
Na dhèanadh dhut stàth aig càch ga mhalairt;
Bidh d' athair an còmhnaidh ag òl le caithream,
'S e eòlas nan còrn a dh'fhàg mi cho falamh.
Mo chailin dhonn òg.
Nam bithinn ag òl mu bhòrd na dibhe,
'S gum faicinn mo mhiann 's mo chiall a' tighinn,
'S e 'n copan beag donn thogadh fonn air mo chridhe,
'S cha tugainn mo bhriathar nach iarrainn e rithist.
Mo chailin dhonn òg.
Bidh bodaich na dùthch' ri bùrst 's ri fanaid,
A' cantainn rium fhèin nach gèill mi dh'ainnis;
Ged tha mi gun sprèidh tha teud ri tharraing,
'S cha sguir mi den òl fhad 's is beò mi air thalamh.
Mo chailin dhonn òg.
'S iomadh bodachan gnù nach dùraig m' aithris,
Le thional air sprèidh 's iad ga thrèigsinn as t-earrach
Nach cosg anns a' bhliadhna trian a ghallain,
'S cha toir e fon ùir nas mò na bheir Calum.
Mo chailin dhonn òg.
Nam bithinn air fèill, 's na ceudan mar rium,
De chuideachda chòir a dh'òladh drama;
Gun suidhinn mun bhòrd 's gun tràighinn mo shearrag
'S cha tuirt mo bhean riamh rium ach, "Dia leat a Chaluim!"
Mo chailin dhonn òg.
Ged tha mi gun stòr, le òl 's le iomairt,
Air bheagan de nì, le prìs na mine;
Tha fortan aig Dia, 's e fialaidh uime,
'S ma gheibh mi mo shlàinte gum pàigh mi na shir mi.
Mo chailin dhonn òg.
Ge mòr le càch na tha mi milleadh,
Cha tugainn mo bhòid nach òlainn tuilleadh,
'S e gaol a bhith mòr tha m' fheòil a' sireadh -
Tha 'n sgeul ud ri aithris air Calum a' Ghlinne.
Mo chailin dhonn òg.

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gàidhlig mar chiad chànan, rud nach robh cho àbhaisteach am measg a ...
Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòidCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.