Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Kathleen NicDhòmhnaill, Màiri NicAonghais agus òran cheathrar.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Kathleen NicDhòmhnaill, Màiri NicAonghais and òran cheathrar.
Cha tèid mise cha tèid mi
O hi rì ri rì ri iù
Cha tèid mi le mac a' mhaoir
O hi iù a ò hug ò
O hi iù a ò hi iù
Hao ri iù a hò hug ò.
Chan eil ann ach oigear faoin
B' annsa fear a' leadain duinn
Rachadh air ùilinn 's an fhraoch
Mharbhadh feadag is cearc fhraoich
Lacha bheag a' mhùineil chaoil
No idir do mhac an t-saoir
Cha tèid mi le fear san tìr
Gus an till mo leannan fhìn
Giomanach a ghunna chaoil
Leagadh an eal' air a taobh
'S earba bheag nan geàrr-chas caol
Mìle marbhaisg air a' ghaol
Dh'fhuasgail e am falt far mo chinn
Mun fhear a dh'fhalbh is nach till

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill
Rugadh Màiri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.