Mìcheal

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Flòraidh NicNèill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Flòraidh NicNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Mile marbhaisg air na fearaibh
'S iad tha caochlaideach carach nam beul
Cha taobh iad tè fhalamh
'On nach biodh aice earras dha rèir
Dh'fhaodadh tè bhith gun tochradh
Bhith gu sìobhalta socair a beus
'S nighean bodaich le codach
Bhith gu h-àrdanach droch bheulach brein.

Gur e mis' tha fo mhinginn
Bho lath chuir iad an snaim air mo ghràdh
Se do thuras-sa Mhìcheil a dh'fhàg
M' aigne cho ìosal gach latha
Thuirt thu rium a bhith deiseil
Gus do bhanais a sheasamh gun dail
Rinn thu rithist ath-smaointinn
'S dh'fhàg sud mise nam aonar gu brath

Tha mo cheist air an armunn
Gura camlagach àlainn a ghnùis
Tha do mhais ann-ud aodann
Nach cuir duin' air an t-saoghal air chùl
Ach ma rinn thu mo thrèigsinn
Aig gainead mo sprèidh air mo chùl
Mo mhìle beannachd na d' dhèidh
'S biodh agad na roghainnich thu

"O tha mi fhathast gun phòsadh
A dh'aindeoin luchd sgeodail nam breug
Cha robh dùil agam d' fhàgail
Fad 's a choisichinn slàn air an fheur
Fad 's dh'fhanainn mar bha mi
'S a ghleidhinn mo nàire 's mo chiall
'S cha bu lugha na 'n caoch
Bheireadh orm-sa do ghaol a chuir dhìom".

Seinneadairean / Performers

Flòraidh NicNèill

Flòraidh NicNèill

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh ...

Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.