Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri NicAonghais.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri NicAonghais.
Sèist / Chorus
O hì hogaidh ò
Mhòrag 's na hò ro gheallaidh
O hì hogaidh ò
'S muladach 's muladach tha mi
dol dhan tràigh a bhuain feamad.
Dol dhan tràigh is gun mi eòlach
's gun na gillean òg aig baile.
Dol dhan tràigh a bhuain a' mhaoraich
's nach fhaic mi mo ghaol a dh'fhearaibh.
Cha b' ann an taigh fàs nam ònrachd
fhuair mi eòlas air mo leannan.
Calpa grinn an stocainn bhàin
a dhìreadh a' bheinn àrd gun anail.
Nuair a dheigheadh tu dhan bheinn fhiadhaich,
bu throm do thriall chun a' bhaile.
Led ghunna, led adhairc fhùdair,
do ghillean 's do chù na dheannaibh.

Rugadh Màiri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghaisCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.