Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: iain macAoidh, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich agus Pòl MacCalum.
This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: iain macAoidh, Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich and Pòl MacCalum.
Sèist / Chorus
Mhòrag, leat shiùbhlainn gun chùram gu cùl na gealaich;
'S mìlse leam do phògan gu mòr na na cìrean-meala;
Dh'fhaighinn dhomh mar òg-bhean mo dhòchas tha na do ghealladh.
Cha leig mo luaidh-sa leas rosgan fuadain
No snuadh na bùtha chur air a gruaidhean
No dath a cheannach gu dath a cuailein
'S e mar an canach aig sàil nam fuar-bheann.
A h-anail 's cùbhraidh na gàradh-ùbhlan,
An dèidh a pògan bidh searbh an siùcar;
'S nuair bhios a h-èideadh os cionn a glùin oirr'
Gur snasail m' eudail 's ni cuirm an t-sùil oirr'.
Dh'fhalbhainn deònach gu ruige Geòrgia
'S shàthainn sleagh anns na mucan mòra;
'S dh'fhuilinginn fuachd agus teas is dòrainn
Chan agrainn duais ach, a luaidh, do phògan.
An uair a ghleusas i suas a h-òran
An uiseag thèid i na tàmh 's an smeòrach,
Is iad ri 'g èisteachd ceòl nèamhaidh rò-bhinn,
Ceòl binn gun èislean bho beul a' dòrtadh.
O cuig' bhiodh fiamh ort nach coisninn lòn dhut
Oir dhèanainn iasgach is dh'fhighinn clò dhut;
'S cha leiginn cliabh air do dhruim a Mhòrag
Ged bheirinn bliadhna agus mìos gun mhòine.

Mairead ...
Fiosrachadh air Mairead agus Donaidh MacLeòid / Learn more about Mairead agus Donaidh MacLeòidRugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thàinig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...
Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalumCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.