Marbhrann do dh'Fhear Àirigh Mhuilinn

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Bàrd Sgallach) agus air a sheinn le: Alasdair Boidhd.

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Bàrd Sgallach) and sung by: Alasdair Boidhd.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Aonghais Òig rìomhaich
Gun seinneadh pìob leat is bratach,
Air each aigeannach cruidheach
A ghearradh dìreach an t-astar;
'S e mo chràdh do chorp chùbhraidh
'N a laighe dlùth ris an aigeal,
Gun deach d' anam do Phàrras;
Na h-ostail chàirich do leaba.

Dia a ghleidheadh an cèille
Do na dìlleachdain uasal,
A dh'fhàg thu ad dhèidh,
'S e seo am foghar a ghuail iad:
Cha robh leithid an athar
Ann an cliù no maitheas mun cuairt daibh
An treas pears' san Roinn Eòrpa
Na shuidh an còmhlan dhaoin' uaisle.

Thuit a' chraobh leis an duilleach,
Chrìon am bun 's gun do chrìon e;
An latha rinneadh do bhàthadh
Gun robh an t-Àrd Righ san fhianais;
Gun robh an uair air a cumadh,
Gaoth is sruth mar an ceudna:
Chuir siud thairis an t-eathar
Mo chreach! mu leitheach an lìonaidh

Thug thu ràimh do na gillean,
Cha robh tuilleadh a dhìth ort;
Bha thu 'n dùil mar a b' àbhaist
Gun robh do shnàmh mar an fhaoileag,
Gun robh do shnàmh mar an eala,
A dh'fhalbhadh aigeannach, aotrom;
Pearsa dhìreach, dheas, dhealbhach,
'S bochd a dh'fhalbh thu gun aois uainn.

Bu tu sealgair a' mhonaidh
Leis a' ghunna nach diùltadh,
Air damh cròcach nan cabar,
A leumadh aigeannach, sunndach;
Nan leumadh gu marbhadh;
Bha thu d' shealgair bho dhùthchas;
Ròn, eala, is earbag
Nan gearra-chasa lùthmhor.

Nuair a chruinnicheadh an camp
Bu tusa ceannard nan daoine;
An rud a theireadh tu dhèant' e,
No dh'fheuchadh tu faobhar.
Càite 'n robh ann an Alba,
Tràth sheasadh tu calma fo d' aodach,
A h-aon a labhradh riut dàna?
B' e 'n t-eun a b' àirde sa chraoibh thu!

Seinneadairean / Performers

Alasdair Boidhd

Alasdair Boidhd

Rugadh Alasdair Boidhd aig 58 An Clachan Mòr, anns an Ìochdar, air 20 Dàmhair, 1889. B' e Eòghainn Dhòmhnaill Nìll a bhuineadh do Bharraigh a ...

Fiosrachadh air Alasdair Boidhd / Learn more about Alasdair Boidhd

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.