Maraiche nan Tonn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri Anna NicUalraig.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri Anna NicUalraig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hìthillean na hìllean ì,
Hìthillean na hìllean ò,
Fàill ill èile 's hò ro ì,
Mo thruaighe mi mur faigh mi thu.

Tha mi an seo mar dhruid an crann,
An dèidh a cuid eun a chall;
Seacharan air dol am cheann,
'S ged thig an t-àm cha chaidil mi.

Thasgaidh mo chridhe is mo chlèibh,
Chuireadh tu air feadan gleus;
Dhannsadh tu air ùrlar rèidh
Gu lùghmhor, eutrom, aighearach.

Dh'fhàg thu mise dubhach, trom,
'S thaobh thu crannagan nan long;
Ged a bhiodh do phòca lom,
Gun nì, gun fhonn, gun gabhainn thu.

'S e mo cheist fear a' chùil bhàin;
B' aotrom do cheum air sràid;
On a chaidh thu null thar sàil'
Tha mi on latha sin acaineach.

Fhuair mi do litir a-nall,
Air a sgrìobhadh leis a' pheann,
Thàin an Nollaig 's dh'fhalbh an t-àm
On gheall thu tighinn gam amharc-sa.

Tha mi gun airgead is gun òr,
Chan e seo a rinn mo leòn,
Ach nach fhaic mi thu rim bheò
A' seòladh taobh an fhearainn seo.

Seinneadairean / Performers

Màiri Anna NicUalraig

Màiri Anna NicUalraig

Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...

Fiosrachadh air Màiri Anna NicUalraig / Learn more about Màiri Anna NicUalraig

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.