Màiri Bhàn Òg

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus air a sheinn le: dòmhnall mac na ceàrdaich, alasdair c. macGillìosa, Aonghas MacLeòid agus dughall gillespie.

This is a song written by: Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir and sung by: dòmhnall mac na ceàrdaich, alasdair c. macGillìosa, Aonghas MacLeòid and dughall gillespie.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A Mhàiri bhàn òg 's tu an òigh th' air m' aire
Rim bheò bhith far am bithinn fhìn
On fhuair mi ort còir cho mòr 's bu mhaith leam
Le pòsadh ceangailt' on chlèir
Le cùmhnantan teann 's le banntaibh daingeann
Le snaim a dh'fhanas nach trèig.
'S e d' fhaotainn air làimh le gràdh gach caraid
Rinn slàinte mhaireann am chrè.

Bheirinn mo phòg don òg mhnaoi shomalt'
A dh'fhàs gu boinneanta, caoin,
Gu mìleant, còmhnard, seocail, foinnidh,
Do chòmhradh gheibh mi gu saor;
Tha mi air sheòl gu leòr ad chomain
A' bhòid-sa chuir thu gu faoin
Dom smaointean gòrach pròis nam boireannach,
'S còir dhomh fuireach le h-aon.

Chaidh mi don choill' san robh croinn is gallain
Bu bhoisgeil sealladh mun cuairt
'S bha miann mo shùl do dh'fhiuran barraicht
An dlùths nam meanganan suas
Geug fo bhlàth o bàrr gu talamh
A lùb mi furasta nuas
Bu duilich do chàch gu bràth a' gearradh
'S e 'n dàn domh 'm faillean a bhuain.

'S e b' fhasan leat riamh bhith ciallach, banail,
Ri gnìomh, 's ri ceanal mna-uails';
Gu pàirteach, bàidheil, blàth, gun choire,
Gun ghìomh, gun ghainne, gun chruas;
Gu dèirceach, daonntach, faoilidh, furast',
Ri daoine fanna, bochd, truagh;
Is tha mi led sheòl an dòchas ro-mhath,
Gur lòn do d' anam do dhuais.

Nam faighinn an-dràst' do chàradh daingeann
An àite falaicht on eug
Ged thigeadh e dàil, 's fhàgail falamh
Cha b' àill leam bean eil' ad dhèidh
Cha toir mi gu bràth dhut dranndan teallaich
Mun fhàrdaich aileag do chlèibh
Ach rogha gach manrain, gràdh is furan
Cho blàth 's a b' urrainn mo bheul.

Dhèanainn dhut ceann is crann is arachd
An àm chur ghearran an èill,
Is dhèanainn mar chàch air tràigh na mara
Chur àird air mealladh an èisg;
Mharbhainn dhut geòidh is ròin is eala
'S na h-eòin air bharraibh nan geug;
'S cha bhi thu rid bheò gun seòl air aran
'S mi chòmhnaidh far am bi fèidh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha òrain Dhonnchaidh Bhàin air an cruinneachadh san leabhar The Songs of Duncan Bàn Macintyre, deasaichte le Aonghas MacLeòid (Oliver and Boyd airson an Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1952)

Seinneadairean / Performers

Aonghas MacLeòid

Aonghas MacLeòid

Rugadh Aonghas C. MacLeòid ann an Scalpaigh anns an Dùbhlachd, 1927. B' e an siathamh duine cloinne aig Coinneach Iain 'ac Dhòmhnaill 'ic Chaluim à ...

Fiosrachadh air Aonghas MacLeòid / Learn more about Aonghas MacLeòid

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.