Òran air a sgrìobhadh le: màiri nicLeòid agus air a sheinn le: Eilidh NicChoinnich, gillian nicChoinnich agus raonaid fhriseal.
This is a song written by: màiri nicLeòid and sung by: Eilidh NicChoinnich, gillian nicChoinnich and raonaid fhriseal.
Tha mulad, tha mulad, tha lionn-dubh orm fhèin
Hì rì hoireann ò, hì rì hoireann ò
Tha de mhuinghean air m' aire nì nach aidich mo bheul
Hì ri ri ri o ho, ro ho hì hoireann ò
Mun òganach ghasta ùr mharcach nan steud
Mun taca seo 'n-uiridh bu thoil leat m' fhuran ro cheud
Cha mhò ort mi 'm bliadhna na eunlaith nan speur
Chan innis mi dham phiuthair meud mo chumh' às do dhèidh
No dham mhàthair a rug mi chuir mi cudrom na ceum
Tha sac trom air mo chridhe nach tog fidheall nan teud
Ach a Mhàiread nan cuiread 's dàn a chuir thu orm breug
Thilg thu ormsa mar aileis nach b' uilear dhomh 'm brèid
Gu robh leanabh am pasgadh fo asna mo chlèibh
Cuim nach innseadh tu 'n fhìrinn mar a dh'innsinn ort fhèin
Ann an làthair mo thighearn far am bithinn 's tu rèidh
Thilg thu ormsa mar dhearrais gu robh m' athair an èis
Cha b' ionnan dham athair 's dhad athair-sa fhèin
Cha b' ionnan dhan taighean 'n àm laighe don ghrèin
'S ann a gheibhte, 'n taigh d' athar-s' cinn is casan an fhèidh.

Rugadh Eilidh NicChoinnich ann an Goillspidh ann an 1967 agus ghluais an teaghlach gu Leòdhas nuair a bha i ceithir bliadhna a ...
Fiosrachadh air Eilidh NicChoinnich / Learn more about Eilidh NicChoinnichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.