Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, gòrdan barr, na seòid agus Seumas Greumach.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Art MacCarmaig, gòrdan barr, na seòid and Seumas Greumach.
Sèist / Chorus
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn,
Mhàili dhonn, tilleadh dhachaigh
Gruagach òg a chùil duinn,
Dh'èireadh m'inntinn air d' fhaicinn.
Mhàili dhonn, bhòidheach dhonn.
Gura mise tha gu tinn,
Cùl mo chinn air na leacan,
Bha mi roimhe rotach, garbh
Air an fhairge ga marcachd.
Gura mise tha gun spèird
Ann Dùn Èideann 's an Sasann
Bha mi rèidh am measg nan seòid
Cluich an òir air na cairtean.
Chaidh sinn timcheall Rudha Lìte,
'S iomadh gunna caol a' lasadh
Leig mo Mhàili siud ma cluais,
Ghabh i 'n cuan; 's ann bha fasan.
Thog i h-acarsaid an Èirinn,
Leig i brèid ann an Sasann,
Bhuail i sròn air tìr an Lìte,
'S leig i cridhe ann an Glaschu.
'S ann an t-seachdain chun an-dè
Thog mi brèid ann an Sasann,
'S ann a shamhlaich mi do cheum
Ri laoigh fèidh 's e aig astar.
Bha i siùbhlach gun mheang
Eadar chruinn agus chnagan;
Darach nach teirig a chaoidh
Eadar druim agus plang.
Nuair a thèid mi chun na fèill'
'S e do bhrèid a thig dhachaigh;
Tops'l ùr ga dhèanamh dlùth,
Ged chosgadh e crùn an t-slat dhomh.

'S ann à Loch an Inbhir, an Asainte, a tha Seumas Greumach agus dh'fhàs e suas ann an dachaigh as an robh ceòl agus òrain ...
Fiosrachadh air Seumas Greumach / Learn more about Seumas Greumach
Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...
Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaigCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.