Maighdeannan na h-Àirigh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu agus Dòmhnall MacLeòid.

This is a song written by: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu and Dòmhnall MacLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Thug min oidhche raoir 's mi bruadar
Mar ri niònagan na buaile.
B' fhìnealt' uasal mìn na gruagaich
Seinn nan duanagan san àirigh.

Sèist / Chorus

Thug min oidhche raoir san àirigh
Thug min oidhche raoir san àirigh
Chaith mi 'n oidhche cridheil caoimhneil
Mar ri maighdeannan na h-àirigh.

Thug mi 'n oidhche 'n raoir san àirigh
'S crodh a' sileadh bainne tàlaidh
'S dealt na h-oidhche sileadh caoimhneis
Air na maighdeannan san àirigh.

'S cianail dùsgadh an fhir fhuadain
'S e sior-ionndrainn tìr a bhruadair
'S tiamhaidh buan da thar nan stuadhan
Ceòl nan gruagach anns an àirigh.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall MacLeòid

'S ann à Port na h-Abhainne ann an Ìle a tha Dòmhnall MacLeòid, baile beag anns nach eil ach nas lugha na dà cheud neach ...

Fiosrachadh air Dòmhnall MacLeòid / Learn more about Dòmhnall MacLeòid

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.