M' eudail Air Do Shùilean Donna

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead agus Donaidh MacLeòid agus na h-Òganaich.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead agus Donaidh MacLeòid and na h-Òganaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

M' eudail air do shùilean donna
Air do shùilean 's air do bhodhaig
M' eudail air do shùilean donna
'S air do bhodhaig bhòidhich.

B' fheàrr leam fhìn gu robh thu agam
B' fheàrr leam fhìn nan t-òr e
B' fheàrr leam fhìn gu robh thu agam
'S e do mhàis' a leòn mi.

B' fheàrr leam fhìn na mìle not'
B' fheàrr leam fhìn nan daoimean
B' fheàrr leam fhìn na mìle not'
Gur e nochd an oidhche.

Gar am faighinn idir thu
Gar am faighinn fhìn thu
Gar am faighinn idir thu
Nan dèanadh tu do dhìcheall.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.