Luinneag MhicLeòid

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh) agus air a sheinn le: Fiona Dunn.

This is a song written by: Màiri NicLeòid (Màiri Nighean Alasdair Ruaidh) and sung by: Fiona Dunn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S mi am shuidhe air an tulaich
Fo mhulad 's fo imcheist,
'S mi a' coimhead air Ìle,
Is ann de m' ìongnadh san àm seo;
Bha mi uair nach do shaoil mi
Gus an do chaochail air m' aimsir
Gun tiginn an taobh seo
Dh'amhairc Dhiùraidh à Sgarbaidh.

Sèist / Chorus

I hiùraibh ò 's na hòireann ò,
I hiùraibh ò 's na hòireann ò,
I hiùraibh ò 's na hùg i ho rò,
Hì rì rì rithibh hò ì ag ò.

Gun tiginn an taobh seo
Dh'amhairc Dhiùraidh à Sgarbaidh;
Beir mo shoraidh don dùthaich
Tha fo dhubhar nan garbhbheann,
Gu Sir Tormod ùr allail
Fhuair ceannas air armailt,
Is gun cainte anns gach fearann
Gum b' airidh fear t' ainm air.

Gun cainte anns gach fearann
Gum b' airidh fear t' ainm air.
Fear do chèille is do ghliocais,
Do mhisnich 's do mheanmain,
Do chruadail 's do ghaisge,
Do dhreach is do dhealbha,
Agus t' fholachd is t' uaisle
Cha bu shuarach ri leanmhainn.

Agus t' fholachd is t' uaisle
Cha bu shuarach ri leanmhainn;
D' fhuil dìrich rìgh Lochlainn
B' e siud toiseach do sheanchais.
Tha do chàirdeas so-iarraidh
Ris gach Iarl' tha an Albainn,
Is ri h-uaislean na h-Èireann,
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.

Is ri h-uaislean na h-Èireann,
Cha bhreug ach sgeul dearbhta e.
A Mhic an fhir chliùitich,
Bha gu fiùghantach ainmeil;
Thug barrachd an gliocas
Air gach Ridir bha an Albainn
Ann an cogadh 's an sìothshaimh,
Is ann an dìoladh an airgid.

Ann an cogadh 's an sìothshaimh,
Is ann an dìoladh an airgid.
Is beag an t-iongnadh do mhac-sa
Bhith gu beachdail mòr meanmnach,
Bhith gu fiùghant' fial farsaing,
On a ghlac sibh mar shealbh e;
Clann Ruaraidh nam bratach,
Is e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh.

Clann Ruaraidh nam bratach,
Is e mo chreach-sa na dh'fhalbh dhiubh;
Ach an aon fhear a dh'fhuirich
Nìor chluinneam sgeul marbh ort;
Ach, eudail de fhearaibh,
Ge do ghabh mi uat tearbadh
Fhir a' chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhaidh dealbha.

Fhir a' chuirp as glan cumadh,
Gun uireasbhaidh dealbha;
Cridhe farsaing fial fearail,
Is math thig geal agus dearg ort.
Sùil ghorm as glan sealladh
Mar dhearcaig na talmhainn,
Làmh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearradhris.

Làmh ri gruaidh ruitich
Mar mhucaig na fearradhris.
Fo thagha na gruaige
Cùl dualach nan camlùb.
Gheibhte siud ann ad fhàrdaich
An càradh air ealchainn,
Miosair is adharc
Is rogha gach armachd.

Miosair is adharc
Is rogha gach armachd,
Agus lanntainean tana
On ceannaibh gum barrdhèis.
Gheibhte siud air gach slios dhiubh
Isneach is cairbinn,
Agus iubhair chruaidh fhallain
Le an taifeidean cainbe.

Agus iubhair chruaidh fhallain
Le an taifeidean cainbe,
Is cuilbheirean caola
Air an daoiread gun ceannaichte iad;
Glac nan ceann lìomhta
Air chur sìos ann am balgaibh
O iteach an fhìreoin
Is o shìoda na Gailbhinn.

O iteach an fhìreoin
Is o shìoda na Gailbhinn;
Tha mo chion air a' churaidh,
Mac Mhuire chur sealbh air.
Is e bu mhiannach lem leanabh
Bhith am beannaibh na sealga,
Gabhail aighir na frìthe
Is a' dìreadh nan garbhghlac.

Gabhail aighir na frìthe
Is a' dìreadh nan garbhghlac,
A' leigeil nan cuilean
Is a' furan nan seanchon;
Is e bu deireadh don fhuran ud
Fuil thoirt air chalgaibh
O luchd nan cèir geala
Is nam fallaingean dearga.

O luchd nan cèir geala
Is nam fallaingean dearga,
Le do chòmhlan dhaoine uaisle
Rachadh cruaidh air an armaibh;
Luchd aithneachadh latha
Is a chaitheadh an fhairge
Is a b' urrainn ga seòladh
Gu seòlaid an tarraingte i.

Seinneadairean / Performers

Fiona Dunn

Fiona Dunn

Ghabh Fiona Dunn ùidh ann an ceòl Gàidhlig aig aois 10 bliadhna nuair a thòisich i a' seinn ann an Coisir Òg na h-Eaglaise Brice. ...

Fiosrachadh air Fiona Dunn / Learn more about Fiona Dunn

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.