Leanabh an Àigh

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

This is a song written by: Màiri NicDhùghaill (NicDhòmhnaill) and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Leanabh an àigh, an leanabh aig Màiri,
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite
Son' iad an àireamh bhios dha dlùth.

Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.

Cha b' ionann 's an t-Uan thàinig gar fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais o thùs;
E naomha gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh;
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.

Seo leanabh an àigh a dh'aithris na fàidhean;
'S na h-ainglean àrd, b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dha -
Sona an àireamh bhios dha dlùth.

'S ann am Betlehèm thàinig an sgeul
'S binne da threud na teudan ciùil;
Armailt nam Flaitheas is aingle neimh
Ag àrd mholadh Dhè 's a' seinn a chliù.

Èistibh an fhuaim le sgeula nam buadh
A dh'aithris na buachaillean o thùs;
Gheibh sibh an t-Uan sa phrasaich na shuain
'S e shaoras a shluagh le buaidh 's le cliù.

Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìleas cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinn o shìorr'achd
Urras ro chinnteach air ar cùl.

Neartaich ar dòchas, meudaich ar n' eòlas
Cuir sinn nad ròidean dìreach dlùth;
Le ola nar lòchrain mar ris na h-òighean
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.

Seinneadairean / Performers

Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...

Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.