Laoidh Aonghais Mhòir Sheonaidh (Nuair a Chrìochnaich do Thuras)

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacFhearghais agus air a sheinn le: Aonghas Dòmhnallach.

This is a song written by: Alasdair MacFhearghais and sung by: Aonghas Dòmhnallach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nuair a chrìochnaich do thuras chaidh fios thugainn gu luath,
Le wireless na neòil thug an sgeòil gu air cluas,
Gum bu duilich do chàirdean 'n uair a thàinig an uair,
Thu bhith fada bho d' mhàthair air do chàireadh san uaigh.

Na robh d' uaigh aig an dachaigh mar bu mhath leinn gu lèir,
'S mi gu ruigeadh an t-àite far 'n do chàradh thu fhèin,
Bheirinn greiseag a' caoineadh son saoirsne dhomh fhìn,
'S ged nach togainn on bhàs thu, cha robh 'n àithn' dhomh a-rèir.

Nuair bhios balaich a' bhaile dol a-mach 's iad nan treud,
Bidh mo chridhe-sa sgàineadh mar a dh'fhàg thu mi fhin,
Cha b' e èis no do mhàthair a dh'fhàg sinn o chèil',
Ach an gealladh bh' ann dhomhsa a bhith beò às do dhèidh.

'S nuair bhios càch 's iad nan cadal 's ann bhios m' aire-sa thall,
An Ameireaga a chràidh mi, 's thug am bàs dhomh ron àm,
'S e bhith smaointinn do chàireadh 's gun do mhàthair air cheann,
Neo neach dhèanadh stàth dhut nuair a thàinig an t-àm.

'S tha d' uaigh air a còmhdach aig na h-eòlaich tha thall,
Le flùraichean bòidheach dhe gach seòrs' a tha 'n gleann,
Tha litir an glainne 'g innse mar thachair dhut ann,
Le operation na dunaich dh'fhàg leann-dubh air mo cheann.

Bhrist' thu cridhe do mhàthair latha a dh'fhàg thu dol ann,
Thug thu pòg le do ghràdh dhith, 's chrath thu làmh aig an àm;
'S thuirt thu rithe nam bu bheò thu, nach biodh do dhàil-sa fad thall,
Cò an cridhe nach leònadh, cainnt do bheòil 's gun thu ann.

Ach tha mi 'n dòchas a Chrìosd 's a' Fear Riaghlaidh na glòir,
Nach caill mi dhut d' ìomhaigh no briathran do bheòil,
Tha do dhealbh air a tharraing 's bithidh i agam rim bheò,
Dh'fhàg thu leth ri mo chridhe, 's mi sileadh nan deòir.

'S nì mise co-dhùnadh a' toirt ùmhlachd don bhàs,
Oir 's e Dia os air cionn nì ar stiùireadh 's gach ceàrn,
Na robh fios againn uile air crìoch ar turas san àit',
Bhiodh sinn tric air ar glùinean dèanamh ùrnaigh son gràs.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Dòmhnallach

Aonghas Dòmhnallach

Rugadh Aonghas Dòmhnallach, Aonghas Ruaraidh Eòghainn, ann an Cliuthar, ann am Bàigh na Hearadh, air 11 Sultain, 1948. B' i Mòrag Aonghais Dhòmhnaill à Cùl na h-Àirde, ...

Fiosrachadh air Aonghas Dòmhnallach / Learn more about Aonghas Dòmhnallach

BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.