Lagan Àlainn Sheiseadair

Òran air a sgrìobhadh le: d. macAoidh agus air a sheinn le: Iain Dòmhnallach (Tonkan).

This is a song written by: d. macAoidh and sung by: Iain Dòmhnallach (Tonkan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Nam faighinn comas sheinninn dàn
Mu bhaile beag an taobh an t-sàl
Am baile sin dhan tug mi 'n gràdh
'S mi dol dhan tràigh 's a' creagach ann.

Sèist / Chorus

Is thusa shiubhlas null air sàl
A dh'Eilean Leòdhais tìr mo ghràdh
Bheir mo mhiann 's mo dhùrachd blàth
Gu lagan àlainn Sheisiadair.

'S ann sin a bha mi òg ri fàs
Ri siubhal mhòintich is ri snàmh
'S ann a dh'iarrainn-sa bhith tàmh
Seach 's ceàrnaidh riamh a thadhal mi.

'S b' òig' bha mi nuair thug mi àgh
Dha mhòintichean 's dha chreagan àrd
'S dhan fhraoich air aonach ann ri fàs
Toirt dha gach àite an t-eireachdais.

Seinneadairean / Performers

Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Rugadh Iain "Tonkan" Dòmhnallach, Iain Choinnich Phutar, ann am Port nan Giùran anns an Rudha, Leòdhas, air 24 Lùnastal, 1935. Oighrig Mhurchaidh Ruairidh a' Ghlinne ...

Fiosrachadh air Iain Dòmhnallach (Tonkan) / Learn more about Iain Dòmhnallach (Tonkan)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.