Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh (Bàrd Iollaraigh) agus air a sheinn le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh (Bàrd Iollaraigh) and sung by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
Sèist / Chorus
Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh
Thèid mi sgrìob do Phaibil ged is fhada bhuam e,
Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh.
Saoil nach mi bha brònach air feasgar a' bhòn-raoir
'S mi faicinn tìr m' òige bhon chòmhdach bu dual dhith.
Chì mi mar a b' àill leam Sanndaigh is Creag Hàstainn
Len cuid leòidean àlainn, bhiodh na bàird a' luaidh orr'.
Tobhtag a Mìneadh, b' anns' leam bhith ga dhìreadh
B' aotrom ghearrain sìnteig nuair a dhìrinn suas e.
Fearann torrach tairbheach eadar sliabh is fairge
Machraichean fo sheamraig 's garbhlaichean fo luachair.
Tìr nam mnathan bàigheil, bheireadh biadh don ànrach
'S na fir chòire làidir a thug gràin don tuasaid.
Tìr nan òighean banail aig gach luadh is banais
Cha bhiodh aon dhiubh falamh gun leannan ri gualainn.

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhàin. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach air oighreachd ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)BBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.