Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu.
Sèist / Chorus
Iain Mac 'Ic Fhionghain,
Fhuair e 'n t-urram dhe na bh' ann;
Dhannsadh e, leumadh e,
Dh'èireadh e, fhuair e 'n t-urram,
Ruidhleadh e, dhannsadh e,
Fhuair e 'n t-urram dhe na bh' ann.
Ri linn Banrìgh Màiri,
'S am blàr a bha an Sliabh an t-Siorraim,
Chan fhaca mi saighdear
A dh'fhaighnichte romhad thall.
'S thèid thu ann an ruidhle
Cho cinnteach ri gin an Uibhist,
Modhannan sgoil-dannsaidh
'S gun aimhreit a' dol nad cheann.
Drumaireachd is fìdhlearachd
Is pìobaireachd nan danns cuimir,
'S na feadannan siùbhlach,
'S an tùchan de chiùil mu m' cheann.
Chaidh Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gàidhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghàidhlig Ìleach GhlaschuCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.