Iain Ghlinn' Cuaich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa agus catrìona nicÌomhair parsons.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa and catrìona nicÌomhair parsons.

Facail an Òrain / Song Lyrics

O Iain Ghlinn' Cuaich
Fear do choltais cha dual da fàs,
Cùl bachlach nan dual
'S e gu camlùbach suas gu bhàrr.
'S i do phearsa dheas ghrinn
A dh'fhàg mi cho tinn le gràdh,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an càirear mo chrè san ùir.

Iain, Iain, a ghaoil
Cuim' a leig thu mi faoin air chùl,
Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol
A bha againn araon air tùs?
Cha tug mise mo spèis
Do dh'fear eile fon ghrèin ach thu,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an càirear mo chrè san ùir.

Ged a chinn thu rium fuar
Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chàs,
'S a liuthad là agus uair
Thu 'n cèill gum bu bhuan do ghràdh?
Ach ma chaochail mi buaidh
'S gun do choisinn mi t'fhuath na t-fhearg,
Tha mo bheannachd ad dhèidh
'S feuch an tagh thu dhut fhèin nas fhèarr.

Seinneadairean / Performers

Anna Latharna NicGillìosa

Anna Latharna NicGillìosa

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...

Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosa

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.