Òran air a sgrìobhadh le: Mìcheal Bochanan (Mìcheal Nèill Bhàin) agus air a sheinn le: Nan NicFhionghain.
This is a song written by: Mìcheal Bochanan (Mìcheal Nèill Bhàin) and sung by: Nan NicFhionghain.
Hù à hò, gum b' èibhinn leam,
A chluinntinn mar a dh'èirich dhuibh
'S ann labhair thu 'n Dun Èideann riuth'
Ratreut nach biodh nad champa.
Tha Uilleam Boyd 's gur h-àiridh e
Air Beirgheaslom gu Carragraidh
An Goirtean Geal 's am Beannachan
Gu leathad bruthach Hamhstail.
Tha Dòmhnall Iain shìos a sin
'S chan eil e doirbh a riarachadh;
Gu fòghnadh an Ùidh Riabhach dha
'S e math gu feurach ghamhna.
Tha Eògan ann an Eòrasdal
O, saoil sibh nach e Tòraidh e?
'S mar bidh e fo lagh Dhòmhnaill
'S ann a bhòtas sinn 'n a' Ghleann e.
Tha todhar na Tràigh Tuath agaibh
A-mach gu Caolas Shnuasamoil
'S tha Ùidh Nistein fuaighte ris
'S an uaigh aig Mòr nan Ceann ann.
Tha 'n Caolas math gu bàrr agaibh
Tha stac air Port a' Bhàt' agaibh
'S gun cruadhaich sibh an gràn aige
San àthaidh a bh' aig Melvin.
Hù à hò, gum b' èibhinn leam,
A chluinntinn mar a dh'èirich dhuibh
'S a labhair thu 'n Dun Èideann riuth'
Ratreut nach biodh nad champa.
Fiosrachadh mun Òrain
A' bruidhinn air an òran 'Hù a Hò Gum b' Èibhinn Leam', thuirt an seinneadair Nan NicFhionghain (Nan Eachainn Fhionnlaigh) à Bhatarsaigh, air prògram Gàidhlig a' BhBC air 14/8/75:
"Seo agaibh òran a rinneadh do mhuinntir Bhatarsaigh nuair a thòisich iad a' toirt a-mach an eilein an toiseach. 'S e aon tuathanach a bh' ann agus bha de dhaoine bochda thall ann am Barraigh nach robh fuireach dìreach ach air na leacan. 'S cha robh croitean na sgath aca, ach dìreach na dhèanadh iad air an iasgach.
Agus bha an t-eilean a bha seo aig aon tuathanach dha fhèin agus thòisich iad a' feuchainn ri thoirt a-mach. Agus thàinig iad a-nall agus thog iad taighean ann, agus thog m' athair taigh ann agus thàinig sinn a-nall ann. 'S ann thall air an taobh eile a bha sinn, mu choinneamh Bhàgh a' Chaisteil sa Chaolas.
'S cha robh mise ach ceithir bliadhna nuair a thàinig sinn a-nall agus 's e rud a chuir an t-iongnadh orm an toiseach, agus tha cuimhn' agam fhathast air, an t-arbhar fhaicinn. Chan fhaca mise arbhar riamh. Cha robh sinn ach as na leacan am Bàgh a' Chaisteil.
Agus bha sinn tri bliadhna a sin mun d' thàinig na croitean a-mach. Agus nuair a thàinig na croitean a-mach cha d' fhuair m' athair idir croit ann a' sin. 'S ann a fhuair e croit san Ùidh. An Congested District Board a bh' air an uair sin, agus cheannaich iad an t-eilean agus roinn iad a-mach na chroitean e. 'S dh'fhalbh an tuathanach às.
Èireannach a bha ann am Melvin a bha seo 's bha an Caolas aige dha fhèin agus bha an àth a bha aig Melvin, chi sibh pàirt dhith fhathast far am biodh e a' cruadhachadh a' ghràn. Bha an Caolas cho math gu bàrr."
Tuilleadh Fiosrachaidh
Anns an leabhar Oighreachd agus Gabhaltas, Iomraidhean air Aimhreit an Fhearainn anns na h-Eileanan, a dheasaich Dòmhnall MacAmhlaigh agus a dh'fhoillsich Roinn an Fhoghlaim Cheiltich an Oilthigh Obar Dheathain, 1980, tha caibideil aig Lisa Storey leis an tiotal Mar a Ghabh na Daoine Bhatarsaigh, 1900-1908.
Rugadh Nan NicFhionghain, Nan Eachainn Fhionnlaigh, ann an Ceann Tangabhail am Barraigh air 23 Dùbhlachd, 1902. Bha a h-athair, Eachainn Fhionnlaigh, à Ceann Tangabhail agus ...
Fiosrachadh air Nan NicFhionghain / Learn more about Nan NicFhionghainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.