Ho Ro, Tha Mi Fo Smalan

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacPhàidein agus air a sheinn le: Ceana Chaimbeul.

This is a song written by: Iain MacPhàidein and sung by: Ceana Chaimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho ro, tha mi fo smalan dheth
An t-uisge beatha chrean mi air
'S e Mac na Braiche fear nan car
'S gur ioma neach a mheallar leis.

Innsidh mi san ealaidh dhuibh
A ghaoth a dh'fhàg a' Challainn againn
Bhuail i dìreach cùl mo chinn
'S mi tighinn a nìos an Gallowgate.

Thachair seann luchd eòlais
A bh' ann san t-sràid aig Deòrsa rium
Is chaidh mi còmhla riuth' air aoidheachd
Chionn 's e daoine còir a bh' annt'.

Bha fear dhiù 's pige bàn aige
Is shlaod e fhèin an t-àrcan às
Is dh'òl mi còrr is làn a' ghlainne
'N Tobar Mhoire thàirngneadh e.

Bha fear eile 'g innse dhomh
Gur e chuid fhèin bu bhrìghmhoire
Bha searrag chruinn don stuth tha còrr
À Bogha Mòr an Ìle aige.

Dh'òl mi dha no tri dhiubh siud
Bha Muileach agus Ìleach agam
'S le cuideigin eile còmhl' riuth'
Cha robh 'n còrr a dhìth orm.

Thug mis an t-sraid an siud orm
Am measg na h-ùpraid iongantaich
Ach 's eagal leam gu robh mi faicinn
Rudan nach robh idir ann.

Thug mi George's Square orm
'S gu faicinn fhìn a' Bhànrigh ann
Sir Cailean, 's Moore, 's iad fhèin na diùlnaich
Dhùraichdinn am fàilteachadh.

Bha 'm Prionnsa 's e ri sanntaireachd
Bha Burns e fhèin 's e canntaireachd
Ach cò bha 'n siud gu h-àrd air stob
Ach Walter Scott 's e dannsadh ris!

Thachair bùth làn eunlaith rium
Is solas deàlrach brèagha ann
Chaidh mi staigh 's air cupal tasdan
Bha mi mach is gèadh agam.

Thug mi sìos an t-sràid orm
Is thuirt fear facal tàireil rium
'S le car de sgòrnan gheòidh mu m' làimh
Gun tug mi seann strabhàillidh air.

Mun gann a bheirinn fead asam
Gun d' èirich iad nan leth-dusain
'S gach fear dhiubh chàrainn ris a' ghrunnd
Mar chumadh triùir na sheasamh e.

Dà char mum làimh don amhaich aig'
Bho chùl mo chinn ga tharraing orra
A leith'd do lann cha robh aig Fionn
A' cur air chùl nan samhanach.

Bha iteach bhàn ga reubadh às
'S i falbh tron t-sràid na clèiteagan
Mar dhall-chur sneachd ri aodann cnuic
Is mise mort nan Èireannach.

Ach thoisich sèideadh fhìdeagan
Is dh'fhalbh min sin nam shìnteagan
Gun tug mi às le luath 's mo chas
Mar mhoigheach ghlas is mial-chù rith'.

Ach sheall mo bhean glè mhì-cheutach
Mi dhol a staigh 's an spree orm
Ach thuirt mi "Seo dhut gèadh, a Mhòr
'S chan iarr e mòran spìonaidh ort."

An làirne-mhàireach b' aithreach leam
Gach nì mar bha 's mar thachair dhomh
Sgàinteach mo chnàmh bha siud burbail
'S mi air foirm an aithreachais.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha òrain, rosg agus bàrdachd MhicPhàidein rin lorg ann an dà leabhar: An t-Eileanach (Archibald Sinclair, Glaschu 1890, 1921) agus Sgeulaiche nan Caol (Archibald Sinclair, Glasgow 1902).

Tha Glasgow and Gaelic Writing le Coinneach Dòmhnallach agus Am Bàrd Gàidhlig agus am Baile Mòr le Michel Byrne agus fiosrachadh eile mu Ghlaschu agus cuid de eachdraidh nan Gaidheal sa bhaile ri leughadh anns an leabhar Glasgow - Baile Mòr nan Gaidheal, deasaichte le Sheila M. Kidd (Roinn na Ceiltis, Oilthigh Ghlaschu, 2007).

Seinneadairean / Performers

Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.