Òran air a sgrìobhadh le: Niall Peutan (Niall Gow) agus air a sheinn le: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).
This is a song written by: Niall Peutan (Niall Gow) and sung by: pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).
Sèist / Chorus
Hò ro 'illean, na bitheamaid tùrsach,
Òlaidh sinn dileag a-rithist as ùr dhith;
Fàgaidh i cridheil thu 's bidh tu sunndach
'S cuiridh i 'n cùram uile fo sgòd.
An smùid a ghabh mise aig àm na Bliadhn' Ùire
Shiubhail i fad agus farsaing nan dùthaich:
Chual' gach cailleach e 's thuirt iad gu diombach
'S mios' e nam bruid am fear bhios ri 'g òl.
Nuair ruigeas mi dhachaigh bidh a' chailleach an gruaim rium
Gheibh mi mo theisteanas gu dleasanda bhuaipe;
"Ciamar, a bhurraidh, a chumas tu suas tè
Cosg do chuid duais an taighean an òl?"
Fàgaidh i cridheil thu 's bidh tu dàna;
Bheir i dhut misneachd 's cha chlisg thu le nàire;
Fògraidh i d' eagal 's cha teich thu rod nàmhaid
'S bidh tu cho làidir nuair bhios tu ag òl.
Ach 's fheudar dhomh aithris, ged tha i na buaireadh,
Dh'aindeoin a mealladh tha iomadach buaidh oirr';
Togaidh i aighear air fear a bhios gruamach,
'S bheir i air cuasach rìbhinn còir.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.