Ho Ro Chaidil M' Eudail

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron agus air a sheinn le: estelle nic an Tòisich agus mairead nic a' phearsain.

This is a song written by: Iain Camshron and sung by: estelle nic an Tòisich and mairead nic a' phearsain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
Ho rò chaidil m' eudail,
'S ma chaidil slàn gun èirich.

Mo chagaran gur lurach thu,
Mo chagar 's tu tha bòidheach;
Do ghruaidhean mar na subhagan,
'S do bhilean mar na ròsan.

Do ghruaidhean mar na subhagan,
'S do bhilean mar na ròsan,
A' cadal air mo chluasaig
Nad chluais tha mi ri crònan.

O nì mi brochan bainne dhut
Is nì mi brochan eòrna,
Bheir d' athair meann à fireach dhut
'S breac à linne air Lòchaidh.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.