Hì Ho Rò 'S Na Hò Rò Eile

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) agus air a sheinn le: anne marie nicGilip, aonghas macÌomhair (Aonghas Choinnich Stobaidh), Kirsteen NicDhòmhnaill agus seònaid b. chaimbeul.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) and sung by: anne marie nicGilip, aonghas macÌomhair (Aonghas Choinnich Stobaidh), Kirsteen NicDhòmhnaill and seònaid b. chaimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hì ho rò 's na hò rò èile,
Hì ho rò 's na hò rò èile,
Hì ho rò 's na hò rò èile,
Gur tu mo luaidh rim bheò cha cheil mi.

Nuair a bha mi 'm chaileig ghòraich
Thug mi gaol is gràdh don òigear
Aig a bheil a' phearsa bhòidheach;
'S cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.

Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan;
Chuir mi ùidh am fiùran maiseach -
'S ann an Glaschu nam bùthan
A thug mi rùn don diùlnach fearail.

Meur as grinn air peann a sgrìobhas,
'S a chuir gleus air teudan fìdhle;
'S e do cheòl a thogadh m' inntinn
An uair a bhithinn sgìth fo smalan.

Do chùl dualach, cuachach, bòidheach,
Falt do chinn mar it' an lòn-duibh,
Do dhà ghruaidh air dhreach nan ròsan
'S iad fo dhealta ceò na maidne.

Tha do chalpa cuimir, dìreach,
Mar bhradan aibhne ruith gu fìor-ghlan;
'S gura fìor gun tug mi luaidh dhut
Am measg na bheil de shluagh air thalamh.

Ach tha mise 'n dùil 's an dòchas
Gun tig an latha sam bi sinn còmhla,
'S ma bhios tusa dìleas dhomh-sa
Cha ghràdhaich mi rim bheò fear eile.

Seinneadairean / Performers

Kirsteen NicDhòmhnaill

Kirsteen NicDhòmhnaill

Rugadh Kirsteen NicDhòmhnaill air 18 Dùbhlachd, 1983. Thogadh i ann an Inbhir Nis, ged is ann à Polnish, Loch Àilleart ann an sgìre Mhùideart a ...

Fiosrachadh air Kirsteen NicDhòmhnaill / Learn more about Kirsteen NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.