Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mnathan Luaidh Liùrboist.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mnathan Luaidh Liùrboist.
Ceud bliadhna an ama seo, chaidh suaicheantas ainmeil a' Chlò Hearaich a chlàradh airson a' chiad uair.
Hèman dubh, 's e mo Dhòmhnall
Hèman dubh, fhuair an togail
Hèman dubh, cha b' ann le bùrn
Hì ri o ro, gorm a' lodain.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, cha b' ann le bùrn
Hèman dubh, gorm a' lodain
Hèman dubh, ach le bainne
Hì ri o ro, nam ban donna.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, 's e mo Dhòmhnall
Hèman dubh, loisg an urchair
Hèman dubh, leag e 'n caisteal
Hì ri o ro, air an tilgeadh
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, leag e 'n caisteal
Hèman dubh, air an tilgeadh
Hèman dubh, chlach a b' àirde
Hi ri or o, b' fhada dh'fhalbh i.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, chlach a b' àirde
Hèman dubh, b' fhada dh'fhalbh i
Hèman dubh, chlach a b' ìsle
Hi ri or o, cha robh lorg oirr'.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, truagh nach tigeadh
Hèman dubh, siud gam iarraidh
Hèman dubh, gille 's litir
Hì ri o ro, each is diallaid
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, gille 's litir
Hèman dubh, each is diallaid
Hèman dubh, là a thigeadh
Hì ri o ro, chuirinn srian air
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, là a thigeadh
Hèman dubh, chuirinn srian air
Hèman dubh, 's bheirinn cothrom
Hì ri o ro, air an t-sliabh dhith.
Hèman dubh, hì ri o ro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, bheirinn cothrom
Hèman dubh, air an t-sliabh dhith
Hèman dubh, 's bheirinn coirce
Hì ri o ro, geal na bhiadh dhith.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, nan robh agam
Hèman dubh, sgiath a' ghlaisein
Hèman dubh, shnàmhainn na caoil
Hì ri o ro, air an tarsainn.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, shnàmhainn na caoil
Hèman dubh, air an tarsainn
Hèman dubh, an Caol Ìleach
Hì ri o ro, 's an Caol Arcach.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, an Caol Ìleach
Hèman dubh, 's an Caol Arcach
Hèman dubh, 's rachainn a-steach
Hì ri o ro, chun a' chaisteil.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, rachainn a-steach
Hèman dubh, chun a' chaisteil
Hèman dubh, 's bheirinn a-mach
Hì ri o ro, às mo leannan.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
Hèman dubh, 's bheirinn a-mach
Hèman dubh, às mo leannan
Hèman dubh, 's chan fhaighnichinn
Hì ri o ro, cò bu leis i.
Hèman dubh, hì ri oro
Hò ro hù ò.
'S e fìor sheann òran a tha seo a bhuineas 's dòcha don t-seachdamh linn deug agus a tha ri lorg an diofar dreach. Mar eisimpleir tha na facail a leanas rin lorg ann an òraid a thug Aonghas MacMhathain do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 19 Dùbhlachd, 1952, agus e a' bruidhinn mu làmh-sgrìobhainnean Dhòrnaidh, cruinneachadh a rinn an Caiptean Alasdair MacMhathain as an naoidheamh linn deug.
Nan èisteadh sibh, hè hubadh
Rium a mhnathan, hè a bhì
Dh'innsinn mo sgeul, haoiri hò ro
Dhuibh air m' athais.
Hèman dubh, hùiribhi ù hò
Hò rò hù ò.
Dh'innsinn mo sgeul, hè hubadh
Dhuibh air m' athais, hè a bhì
Gu bheil an làn, haoiri hò ro
Anns an fhadhail.
Hèman dubh, hùiribhi ù hò
Hò rò hù ò.
Chan fhaod mo ghaol tighinn a thadhal,
Òganach donn deas fo chlaidheamh.
'N oidhch' a bha sibh 'n Àirigh Lochain,
Cha robh e ann fear do choltais,
Bho nach maireann Fionn no Oisean,
No Diarmaid donn, mac Righ Lochlainn.
Ochan is och is mi brònag,
Cha bhean chrìonda ghlic ri m' bheò mi;
Mo mhàthair air thì mo chòrdaidh;
Tha m' athair air thì mo phòsaidh
Ri fear odhar bodhar breòite,
Ri fear dall cha lèir dha bhrògan;
Gur mù a cheann na chruach mhòine,
'S gur faid' fheusag na sguab eòrna,
'S caoile amhach dhut na feòirnean,
Cha dèan dà shlat dheug dha còta,
Thèid seiche daimh mhòr na bhrògan.
Ged tha mise 'm uiseag riabhaich,
Trom-aigeannach gun bhith sgiamhach,
Thàinig teachdair- eachd gam iarraidh,
Teachdaireachd mhac an Iarla,
Dithis an uiridh 's triùir am bliadhna,
Gille 's litir each is diallaid,
'N fhalaire dhonn spuir is srian innt';
Nam bu mhise gille biadhta
'N doras sabhail bheirinn biadh dhi,
Bheirinn fodar bheirinn fiar dhi,
Bheirinn cruithneachd bheirinn fìon dhi,
Treis fhalaireachd air an t-sliabh dhi.
Ge tà cha ghabh mi e am bliadhna
B' annsa leam mac Anna riabhaich
Dham bi na h-eich mhòr air sriana
Na h-eich dhonna throma dhiallta.
Mhic Dhòmhnaill Duibh à Loch Abar
Siud, a Righ, nach robh mi agad
Ge b' e àite 'm bheil do leabaidh,
'M bun nan craobh no 'm bàrr nam baideal,
No air bòrd do luinge fada
No air morghan gorm an aigeil
'N dèidh do chur no 'n dèidh do chathadh
'N dèidh do dheoch mhòr uisge-beatha.
Suaicheantas a' Chlò Hearaich
Suas gu meadhan an naoidheamh linn deug bha clò air a dhèanamh an iomadh àite anns na h-Eileanan ach, gu ìre mhòr, cha robh daoine a' fighe ach na bha dhìth air an teaghlach agus ma dh'fhaodte beagan a bharrachd airson a reic sa choimhearsnachd.
Am meadhan na naoidheamh linn deug bha na Hearadh leis an Iarla Dunmore. Dh'iarr a' Bhean-uasal Dunmore air breabadairean anns na Hearadh clò de thartan nam Moireach a dhèanamh dhith. Bha seo cho soirbheachail agus gun do ghabh i os làimh clò a reic ri a càirdean agus a caraidean. Dh'fheuch i cuideachd ri leasachadh a thoirt air an dòigh san robh clò air a dhèanamh.
B' e seo toiseach a' ghnìomhachais mar is aithne dhuinn e an-diugh. Bha an tuilleadh agus an tuilleadh iarrtais airson clò agus, rè ùine, chaidh ceanglaichean a dhèanamh le marsantan ann am bailtean mòra air feadh Bhreatainn.
Thòisichear a' cleachdadh beairtean na b' fheàrr mu thoiseach na ficheadamh linn, ged is e beairtean fiodha a bh' annta fhathast, agus, leis cho trom 's a bha iad, b' e fireannaich bu mhotha a bha a' fighe.
Eadar 1903 agus 1906 thàinig leudachadh agus leasachadh mòr air obair a' chlò ann an Leòdhas, agus aig coinneamh ann an Steòrnabhagh, cho-dhùin iad gum bu chòir oidhirp a dhèanamh stad a chuir air an t-ainm Clò Hearach a bhith ga chleachdadh airson clò a bha air fhighe ann am muilnean, cleachdadh a bha a' dol am meud aig an àm.
Chaidh companaidh leis an ainm The Harris Tweed Association Ltd a stèidheachadh, gu h-àraidh airson gum faighte suaicheantas a chlàradh a chuireadh dìon air a' chlò Hearach bho chlòitean a bha air an dèanamh ann am muilnean. Chaidh iarrtas a dhèanamh airson an t-suaicheantas a tha cho aithnichte an-diugh a chlàradh, a' mìneachadh clò Hearach mar chlò a bha air a shnìomh, air fhighe agus air a dhath le obair làimhe chroitearan agus choitearan anns na h-Eileanan an Iar.
Chaidh aonta fhaighinn airson seo ann an 1909 agus chaidh an suaicheantas ainmeil a chlàradh ann an 1910. Thòisichear a' stampadh gach clò leis an ath bhliadhna a-rithist.
Bha cuid de na boireannaich a bha seinn còmhla ri Mnathan Luaidh Liùrboist eòlach gu leòr air a bhith a' luadh chlò. Bha cuimhne aig ...
Fiosrachadh air Mnathan Luaidh Liùrboist / Learn more about Mnathan Luaidh LiùrboistCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.