Gura Muladach Tha Mi

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona Garbutt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gur muladach tha mi, tha mo leannan air fàs rium an gruaim
Thug mi gaol bho chionn tamaill 's tha tè eile ga mhealladh siud bhuam;
Nuair a thèid mi dhan leabaidh gura h-aotram mo chadal 's cha suain
Tha leann-dubh orm drùidhte, 's tric snighe mo shùil air mo ghruaidh.

Gur mis' tha fo euslain' bho na chuir iad an snaim air mo ghràdh
'S e do thuras a Mhìcheil a dh'fhàg m' aigne cho ìosal gu làr;
Dh'iarr thu orm dèanamh deiseil gus do bhanais a sheasamh Dimàirt
Rinn thu rithist ath-smaointinn 's dh'fhàg thu mise nam aonar gu bràth.

Tha mi fhathast gun phòsadh, dh'aindeoin sgeòdal 's luchd-innse nam breug
Cha robh dùil agam togail fhad 's a choisichinn slàn air an fheur;
Fhad 's a dh'fhanainn mar bha mi, 's a ghlèidhinn mo nàire 's mo chiall
Cha bu lugha nan caoch a bheireadh ormsa do ghaol a chuir dhìom.

Tha mo cheist air an armann guma camalagach àlainn do ghnùis
Gu bheil maise nad aodann nach cuir duine air an t-saoghal air chùl;
Ach ma rinn thu mo thrèigsinn le tainead mo sprèidh air mo chùl
Beannachd romhad 's nad dheaghaidh 's biodh agad mar roghnaich thu.

Seinneadairean / Performers

Catrìona Garbutt

Catrìona Garbutt

Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean 1935. Bha a pàrantan le chèile à Beinn ...

Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona Garbutt

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.