Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach agus air a sheinn le: Calum Ceanadach, Dòmhnall Moireach, iain r. dùbhghlas, raghnall n. moireach agus Ùisdean mac na ceàrdaich.
This is a song written by: Dòmhnall Ailean Dòmhnallach and sung by: Calum Ceanadach, Dòmhnall Moireach, iain r. dùbhghlas, raghnall n. moireach and Ùisdean mac na ceàrdaich.
Gruagach òg an fhuilt bhàin,
Èist ri bàrdachd mo bhilean;
Thoir dhomh gealladh thar chàich
'S air do sgàth nì mi tilleadh;
Ged 's iomadh tè san robh m' ùidh
Anns gach dùthaich is cinneadh,
O, nach aontaich thu leams',
'S mi bhiodh sunndach gad shireadh.
Ged theireadh do chàirdean
Gur tràth thug mi 'n gealladh,
Do ghruagach òg an fhuilt bhàin
A chaidh àrach am Barraigh;
'S iomadh fear anns gach àit'
Rinn a nàdar a mhealladh -
Cò bheir maorach à tràigh
Nuair tha 'n làn air dhol thairis?
'S truagh nach robh mi mar eun,
It' a sgiathan gun ghiorradh,
'S mi gun siùbhladh san iarmailt
'S mi nach iarradh gu tilleadh;
Bu mhòr m' aighear 's mo shunnd
Togail cùrs' thar gach linne,
'S nuair a dhealaicheadh tu rium
Bhiodh mo shùilean a' sileadh.
Cha do rugadh an òigh
Bhon a thòisich an cruinne
Bha cho ceanalt' na dòigh
Is bha an còrr ort an grinneas
'S bòidhche sealladh do shùil
'S d' anail chùbhraidh ro mhilis
Gura h-àill thu na flùr
A laigh driùchd air a dhuilleach.
Chuir mi ùidh na do bhòidhchead
'S bha do chòmhradh leam taitneach
Do dha ghruaidh mar an ròs
Anns gach dòigh bha thu tlachdmhor;
Is mi nach iarradh leat stòr
Nam faighinn còir ort le ceartas -
Tha mo ghaol ort cho mòr
'S nach eil dòigh aig air seacadh.
Chaidh do chliù chur an dàn,
'S tha do chànan aig filidh,
Chaidh a thogail is àrach
Ann am fàsaichean Uibhist;
'S e gaol carraig nan àl
Leanas nàdar an duine,
'S tu mo reul fad gach latha
'S bidh mo ghràdh far an suidh thu.
Bheir mo shoraidh gu bràth
Leis a' mhàthair a ghin thu,
'S a thug dhut bainne blàth
A thug fàs ort an grinneas;
'S ged a gheibhinn de dh'òr
Na tha 'n stòras na cruinne
Bhiodh mo chridh' ort an tòir
Ged bhiodh tu pòsda ri millean.
Ged a gheibhinn dhomh fhìn
A h-uile nì a th' air talamh
Agus tusa gam dhìth,
Gu dè bhithinn-s' ach falamh?
'S gus an tèid mi don chill
Air mo shìneadh an anart
Tha mi 'n geall air bhith tinn
'S cha dèan lighich' mi fallain.
Leabhraichean
Òrain Dhòmhnaill Ailein Dhòmhnaill na Bainich t.d. 114.
Songs of Gaelic Scotland t.d. 451.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Rinn Dòmhnall Ailean Dòmhnallach (Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich) 'Gruagach Òg An Fhuilt Bhàin' do Mhòrag NicAmhlaigh, Mòrag Dhòmhnaill Chaluim no Mòr Bhàn, à Bàgh a' Chaisteil ann am Barraigh. A rèir coltais cha do thachair iad ri chèile ach dìreach aon uair, aig dannsa Geamachan Uibhist ann an Cill Pheadair. Chòrd iad ri chèile agus dh'iarr Dòmhnall Ailean cead Mòr fhaicinn dhachaigh.
Ach an dèidh dha bhith ri dramaichean còmhla ri gillean eile, cha robh guth aige air Mòr agus b' fheudar dhith a slighe a dhèanamh leatha fhèin gu taigh càirdean ann an Loch Baghasdal. Cha robh i ro thoilichte agus cha do rinn i cleith sam bith air sin.
Nuair a chuimhnich Dòmhnall Ailean air an rud a rinn e, bha e air anabarrach duilich agus sgrìobh e an t-òran an dòchas gun dèanadh e an t-sìth.
Dh'eug Mòr air 1 Gearran, 1998, aig aois 86. Tha e coltach gun deach an t-òran a sheinn aig an tòrradh aice.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum CeanadachBuinidh Dòmhnall Moireach don Eilean Sgitheanach far a bheil taigh aige ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Moireach / Learn more about Dòmhnall MoireachCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.