Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich, na h-Òganaich agus pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Mairead agus Donaidh MacLeòid, na h-Òganaich, na h-Òganaich and pàdraig mac a' ghobhainn (Pàdraig a' Choisich).
O guidheam slàint' don ghruagaich dhonn
Tha suaicheanta 's tha fìnealt,
Chaidh àrach òg taobh Loch a Ròg
An Leòdhas nam beanntan rìomhach.
Ged shiùbhlainn tìrean cèin thar sàil,
Gu bràth cha dèan mi dìochuimhn'
Air nìonaig òig a thàlaidh mi
'S a dh'fhàg mi ghnàth fo iargain.
Tha mi fo leòn bho dh'fhàg mi 'n òigh,
Gach latha sheòl mi uaigneach;
Tha tonnan liath-ghlas leum air sròin
'S na neòil 's gort-ghaoth tha buaireant'.
O soraidh slàn le Leòdhas
Nam beanntan fraoich tha àillidh;
Fad saoghal sealbhach fallain bhuam
Don rìbhinn shuairc a dh'fhàg mi.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.