Gruagach Bhàn a' Mhìn-fhuilt

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid agus air a sheinn le: kathleen nicDhòmhnaill, Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, Kathleen NicDhòmhnaill, murchadh macGillìosa (Murchadh an t-Siorraidh) agus màiri mhoireasdan (Màiri an Tigear).

This is a song written by: Murchadh MacLeòid and sung by: kathleen nicDhòmhnaill, Ceitidh Magaidh Mhoireasdan, Kathleen NicDhòmhnaill, murchadh macGillìosa (Murchadh an t-Siorraidh) and màiri mhoireasdan (Màiri an Tigear).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt mar shìtheanan a' fàs,
Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt mar shìtheanan fo bhlàth;
Gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt dhan tug mi fhìn mo ghràdh,
Tha cian bho bha mi strì riut, 's mo chridhe dhut cho blàth.

Thòisich gaol na h-òigh' orm nuair bha mi òg 's mi triall;
An tè bha dùil nach fhàgadh mi, 's ann dh' fhàs i coma dhìom;
'S e sin dh'fhàg m' inntinn brònach 's mi sileadh dheòir gu dian;
Tha 'n gaol thug mi don chailin ud air beantainn ri mo chiall.

A-riamh bho fhuair mi eòlas ort bu bhòidheach leam do shnuadh
Cha chuirinn làmh an cosnadh nach ann ort a bhiodh mo smuain
Bhiodh toileachas air m' aigne ri faicinn mais' do ghruaidh
Is òg a chuir mi sùil annad ged thug thu ghaoil dhomh fuath.

A ghaoil bu mhùirneach agam thu nuair bhiodh tu bruidhinn rium
Bu chridheil thu, bu chàirdeil thu, bu bhàigheil thu san àm;
An uair mu dheireadh luaidh mi riut 's a fhuair mi blas do chainnt,
Thuig mi bho do bhrìodal gu robh do ghaol air chall.

Cha tog ceòl na pìoba mi is cha dèan nì dhomh stàth
Lighich cha toir ìochslaint dhomh, ni mò nì m' chridhe slàn;
Ach 's e a thogadh m' inntinn 's a dh'ùraicheadh mo chàil
Bhi sìnte ris a' mhaighdean dhan tug mi bonn mo ghràidh

Cha chreid mi fhìn gun ainmich mi dè 's ainm do bean mo ghràidh
Mur a fhiach i moladh dhomh ni motha nì mi càin';
Cha dèan e stàth no nì dhomh a dhol a dh' inns' do chàch,
Ach gruagach bhàn a' mhìn-fhuilt a ghoid mo chridh' 's mo ghràdh.

Seinneadairean / Performers

Kathleen NicDhòmhnaill

Kathleen NicDhòmhnaill

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...

Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaill

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.