Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Calum Màrtainn agus iseabail anna mhàrtainn.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Calum Màrtainn and iseabail anna mhàrtainn.
Tha an gràdh seo cho làidir, bàs chan fhaigh làmh air no buaidh.
Na tuiltean cha bhàth e, oir 's cuan e, tha lànachd bith-bhuan.
'S an dream a gheibh pàirt dheth, cha bhi iad dheth sàsaicht' nan cuairt.
'S ann a' tòiseachadh tha e nuair ruigeas iad Pàrras le buaidh.
Tha an gràdh seo cho dìomhair 's nach gabh e le briathran a luaidh.
Oir bha e aig Dia mun robh talamh no grian ann, no cuan.
Oir dheònaich an Trianaid gun tigeadh Mac sìorraidh a-nuas.
A phàigheadh na fiachan 's a ghabhadh air ìomhaigh a shluaigh.
Is gràdh e nach tòimhsear, tha e thar gach uil' eòlas gu lèir.
Rinneadh iomradh le Pòl air, le Peadar, 's le Eòin mar an ceudn'.
Fhuair mnathan còir air, chuir Muire e gu sònraicht' an cèill.
'S e thug Rut is Naomi a-mach à tìr Mhòab le chèil'.
Tha 'n eaglais 'san fhàsach ri gearain gach là air a truaigh',
'S i beò air a' mhàna ga thional gach tràth thig e nuas.
'S ged tha truaillidheachd nàdair, peacadh is bàs rithe fuaight',
Tha thu 'g ràdh, "Tha i àillidh", 's tu 'g amharc oirr' an àilleachd an uain.
Tha an saoghal 's an Sàtan, an tòir oirre a-ghnàth anns a' ghleann
Ach bheir iadsan buaidh air chionn 's gun do bhuadhaich an ceann.
Cha bhi cuimhn' air an truaighean 's na buairidhean a bh' aca san àm,
Nuair gheibh iad thar Iòrdain 's a gheibh iad a' ghlòir tha an taobh thall.

Rugadh Calum Màrtainn ann an Glaschu ann an 1953, mac le Catrìona Choinnich Amhlaigh à Breascleit agus Dòmhnall Chaluim Iain Chaluim Màrtainn à Siadar Bharabhais. ...
Fiosrachadh air Calum Màrtainn / Learn more about Calum MàrtainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.