Òran air a sgrìobhadh le: Rob MacAoidh (Rob Donn) agus air a sheinn le: còisir bhun-sgoil burghead, còisir sgoil pholl lochaidh agus Kathleen NicDhòmhnaill.
This is a song written by: Rob MacAoidh (Rob Donn) and sung by: còisir bhun-sgoil burghead, còisir sgoil pholl lochaidh and Kathleen NicDhòmhnaill.
Sèist / Chorus
Gleann-a-Gallaidh, Gleann-a-Gallaidh,
Gleann-a-Gallaidh nan craobh,
Cò a chì e nach mol e,
Gleann-a-Gallaidh nan craobh.
Ri faicinn crìoch àrdain
Ga mo bhreugadh gu taobh,
'S ann a smuainich mi fanadh
An Gleann-a-Gallaidh nan craobh.
Chan àill leam bhur n-airgead
'S ri bhur n-arm cha bhi mi,
Cha diùlt mi bhur drama
Ach ri tuilleadh cha bhì.
Ged a gheibhinn gu m' àilgheas
Ceann-t-sàile MhicAoidh,
'S mòr a b' annsa leam fanadh
An Gleann-a-Gallaidh nan craobh.
Fonn diasach, 's mòr a b' fhiach e
Gu fiadhach 's gu nì,
Aite sìobhalt ri doineann
Is nach criothnaich a' ghaoth.

Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ...
Fiosrachadh air Kathleen NicDhòmhnaill / Learn more about Kathleen NicDhòmhnaillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.