Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) agus air a sheinn le: Calum Ros.
This is a song written by: Iain MacLeòid (Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran) and sung by: Calum Ros.
Tha gillean òga tapaidh an Gleann Dail ag èirigh suas
'S cuid aca tha deònach air an lòn thoirt thar a' chuan
Ach èistibh ris an òran rinn MacLeòid a chuir air chuairt
'S bi cuimhn' agaibh an còmhnaidh air nuair sheòlas sibh à Cluaidh.
Nuair thèid thu òg 's tu aineolach air bòrd air luingean seòl
Bidh cùisean dhut cho aineolach 's nach aithnich thu gach ròp
Gur tric a thèid do mhionnachadh 's do sgrios dhan domhainn mhòr
Mus dìrich thu na cruinn aice cho aotrom ris na h-eòin.
Nuair thig an stoirm na cabhaig ort 's an fhairge cabh na glinn
Na tonnan uaine chlisgeas tu gam bristeadh mu do dhruim
Na slatan àrda cuireadh riut ged bhiodh tu glè thinn
'S riut fhèin bu tric a chanadh tu, bu mhath a bhith air tìr.
Chaidh mi tro gach àmhghair anns gach ceàrn tha fo na neòil
Cha b' urrainn dhaibh mo bhàthadh, cha robh rathad ac' air no dòigh
Nam biodh a leth a-nochd agam 's na chosg mi anns an òl
Gu faodainn suidhe socair ann fo losgan ri mo bheò.

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...
Fiosrachadh air Calum Ros / Learn more about Calum RosCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.