Fiullaigean

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac a' Ghobhainn ('an Gobha) agus air a sheinn le: còisir òg sir e scott, donaidh macLeòid agus Murchadh MacLeòid agus Iain Moireach.

This is a song written by: Iain Mac a' Ghobhainn ('an Gobha) and sung by: còisir òg sir e scott, donaidh macLeòid and Murchadh MacLeòid agus Iain Moireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Saoil a Mhòr am pòs thu?
Saoil am pòs thu Fiullaigean?
Saoil a Mhòr am pòs thu?
Theireadh gu leòr nach b' urrainn dhut.

Bha dùil gum bu cheannaiche mòr thu
Aig an robh stòr neo-chumanta,
Gu facas do phoc' ann an òrdugh
Siubhal air tòir nan luideagan.

Nuair dh'èireadh am muir mar na beanntan,
Suas mu na crainn na ultaichean,
Rachadh an sgiobair fo rùm innt'
Dh'fhàgadh e chuibhl' aig Fiullaigean.

'S beag a bha dhùil aig do mhàthair
Gur ann an Àrnoil thuiteadh tu,
An dèidh cho fileant' 's a bha thu
Air an t-snàthaid mhiosailin.

Nuair a thigeadh muir cùil ort
Suas mu shùilean Fiullaigean
Shealladh e rithist cho geur
'S gu faiceadh e sgiath nan cuileagan.

Dhèanadh tu maraich' lìn-mhòra
Dhèanadh tu stòp is buidealan
Chuireadh tu math ann an òrdugh
Cearcall air tòin nan tubannan.

Ged a bha Fiullaigean spàgach,
Dhèanadh e ceàird a h-uile fear,
Chuireadh e lusan sa ghàrradh,
Chuireadh e càl is curranan.

Thog thu taigh geal ann an Àrnol
Anns an robh àird' neo-chumanta;
Staidhrichean cama le sgàthain
Chun an rùim àird aig Fiullaigean.

Bha cuid dhan a' chomann bha suarach
Cuid a bha uasal urramach;
Bha leann McEwan cho làidir
'S thog e droch nàdar Fiullaigean.

De chinneadh Lord Sìofort a bha thu,
Cinneadh bha àrd is urramach,
Shuidheadh sa chathair a b' àird'
Ach rugadh an Àrnoil Fiullaigean.

Bha co-dhiù trì ceathramhan eile san òran:

'S beag a shaoileadh fear fuadain,
Gur h-ann air an tuath a rugadh tu,
Coltach ri maraiche cuain,
An ruthadh tha 'n gruaidhean Fiullaigean.

Nuair thig luingeas na bànrigh
Nall air an t-sàl le gunnachan,
Thig iad a-steach a Loch Àrnoil,
Dh'fhaighneachd càit' 'eil Fiullaigean.

Thàinig litir a-nall às an Fhraing
Is tèile nall à Ruisia;
Pàipearan feadh na Roinn Eòrpa
Ag innse mu phòsadh Fhiullaigein.

Sgeulachd an Òrain

Ann am Fuaran 13, an iris aig Comann Eachdraidh an Taobh Siar an Leòdhas, a chaidh fhoillseachadh san Earrach 2006, bha an sgeulachd seo le Aonghas MacLeòid, (Bacavat) is e a' cuimhneachadh air Murchadh agus òran a bhiodh aige gu math tric, Òran a' Mhagarine:

'S e nì annasach a bha seo a' tighinn dha na bùithtean fo chionn faisg air ceud bliadhna agus bha e air a chuir gu iomadach feum a bharrachd air a bhith dha ithe - cùl-cheangal dhorsan, baidhsagal, cuibhle bara agus gu math tric nuair a bhiodh iad a' toirt tablets dha na caoraich.

Tha cuimhne agam aig aois naoi no deich bliadhna, aon mhadainn agus mi a' fuireach aig taigh mo sheanair – b' e sin taigh Chailean Aonghais Iain – mi fhìn agus Cailean beag a bhith a' gabhail lit as a' mhadainn. Cò thàinig a-steach ach Sgiotaran!

Thubhairt Cailean "Chan ann gun thuras a tha thu an seo mun àm seo dhan mhadainn?"

"Tha mi dha-rìribh air thuras," arsa Sgiotaran "agus mi a' cur feum air cuideachadh a' toirt tablets dhan a' rùda mas leig mi mach e."

"Tha fear agad an sin," arsa Cailean "agus cuidichidh e thu."

Aig an àm sin bhiodh aon duine a' cumail am beathach na shuidhe air a' mhàs agus a' bheul fosgailte agus an duine eile leis na tablets air a liacraigeadh leis a' mhagarine dhan cuir sìos amhaich agus steall de uisge à botul às a dhèidh.

Ach bha am beathach seo a' dèanamh a dhìcheall nach dèidheadh a chumail shìos. Thuirt Sgiotaran, "Dè a' chorraich a tha seo, a throc tha thu ann, nuair bu chòir fiamh a ghàire bhith air d' aodann aig an àm seo dhan bliadhna?"

Nuair a bha sin seachad thubhairt e ris an ruda, "Fhalbh a-nis agus dèan d' obair agus mar a dèan bidh tu as a' chragan salainn agus is ann ormsa bhios fiamh a ghàire!"

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.