Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Flòraidh NicNèill.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Flòraidh NicNèill.
Sèist / Chorus
Fhir an leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn.
Fhìr chùl dualaich chleachdaich
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaich
'N seòmar glaist' nam fheòil.
Fhìr an leadain chraobhaich
B'òg a rinn thu m'aomadh
Thug thu mi o m'dhaoine
Fhuair mo shaonthair òg.
Fhir an leadain laghaich
'S tu mo rùn 's mo roghainn
Nan sguireadh tu thadhal
'S an tigh 's am bi'n t-òl.
An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
'S cha do sheall thu 'm chòir.
'N gàire rinn mi'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
'S mise tha gu duilich
'S muladach mo cheòl.
Tha mi trom an dràsd'
'S e sin fàth mo dheòir
Fhir a leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn.

'S i Flòraidh NicNèill MBE tè de na seinneadairean as ainmeil a tha a' seinn ann an Gàidhlig. Rugadh agus thogadh i ann am Barraigh agus 's ...
Fiosrachadh air Flòraidh NicNèill / Learn more about Flòraidh NicNèillCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.