Òran air a sgrìobhadh le: Eachann MacFhionghain agus air a sheinn le: Dòmhnall Iain MacIllEathain.
This is a song written by: Eachann MacFhionghain and sung by: Dòmhnall Iain MacIllEathain.
Fhir a shiùbhlas fada tuath don eilean uaine as àill'
Giùlain mìle beannachd uam far bheil an sluagh a' tàmh;
An spotan sin dhan tug mi gaol 's mi aotrom ann a' fàs,
A' buachailleachd a' chruidh 's nan laogh mun tug mi sgrìob gu sàl.
An spotan bòidheach còmhnard Borgh le sheamrag gorm a' fàs
Le mhachraichean 's le raointean feòir bha còmhnard chun na tràigh;
An t-àite as fheàrr gu àrach sprèidh a' geumraich feadh an àit';
O 's tric a thionail mi iad suas don bhuaile len cuid àl.
Ged 's creagach cruaidh an ceann a tuath, tha buaireadh ann gu fàs
Is tric a chuir e mach a phòr le eòrna is buntàt';
Tha 'n t-iasgair ann 's gur math a dhòigh a' toirt a lòn thar sàil
Len eathraichean 's iad a-muigh fon seòl 's na seòladairean as fheàrr.
Tha lochan còmhnard làn den iasg ag iadhadh ann gun tàmh
Gheibhear ann iad leis an riasg gam biathadh chun an tàbh;
Bha 'n giomach pailt sa linne riamh le cliabh ga thoirt à càrn
Na boghanan far am b' eòlach Niall on liath e ris a' cheàird.
An t-eilean maiseach, fallain, buan, tha fuarain ann as fheàrr
Lem biolaire tha daonnan uain' rim bruaicheannan a' fàs;
An t-uisge prìseil, frìtheil, fuar, gach àm 's gach uair don là
Toirt fallaineachd nach ceannaich luach dhan t-sluagh tha ann a' tàmh.
Leathad Iolaraigh bho linn gu linn gun dìobradh air 's e làn
Cùl a' Bheithir 's fear na Crìch 's a-chaoidh cha tèid iad tràight';
Fear na Càbaig ann am Brùsd' ri chunntas am measg chàich
'S tha tobar maiseach anns a' Chidh' nach diochuimhnich mo dhàn.
Nuair thig an geamhradh oirnn mun cuairt bidh an tuathanach air dòigh
Bidh cèilidhean am measg an t-sluaigh le gillean uasal, còir;
Bidh maighdeannan a' tighinn a luadh is fuaim ac' air a' chlò
Is tric a dh'èist mi rin cuid duan a' luadh am Poll an Òir.
'S e mo dhùrachd fhèin bhith ann 's b' e annsachd bhith nan còir
'S an eilean bhòidheach ghreannmhor nuair thig an samhradh oirnn
Bidh fuaim is crònan aig gach allt 's a' cheann a' ruith dhan òs
'S tha cluich is òrain, ceòl is danns' sa ghleann san robh mi òg.

Rugadh Dòmhnall Iain MacIllEathain, Dòmhnall Iain Sheonaidh Aonghais ann am Beàrnaraigh na Hearadh, air 9 Sultain, 1918, aon de na gillean aig Mòr Alasdair NicPhilip ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Iain MacIllEathain / Learn more about Dòmhnall Iain MacIllEathainBBC © 2014Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.