Feasgar Foghar air Achadh Bhuana

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Iseabail Nic an t-Sagairt.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Iseabail Nic an t-Sagairt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Feasgar foghair air acha'- buana,
Saoil sibh fèin nach mi bha suarach!
H-uile tè 's a fear fhèin ri gualainn
Mo leannan donn-sa, gur fhada bhuam e.

Nàile! 'S e mo rùn-s' an cùirteir,
Sgrìobhas litir 's dhan aithn' a dùnadh;
Thèid a-staigh gu bòrd na cùirte,
'S thig a-mach gu cridheil, sunndach.

Nàile! 'S e mo ghaol an saighdear,
Aig am bi na h-airm a' boillsgeadh;
Sgian bheag nan casan daoimean;
'S fhada shiùbhlainn leat an oidhche.

'S trom mo cheum air sàil mo bhrògan,
Dol do'n chlachan air Di-Dòmhnaich;
Bho nach fhaic mi tigh'nn am chòmhdhail,
Am fleasgach donn sin a gheall mo phòsadh.

Ach ma thig thu gu bràth an rathad,
Feuch gun tadhail thu 'n taobh-s' na h-abhainn;
An gaol a bh' againn bidh e 'n glèidheadh,
Gus an càirich saor an snaigheadh.

Cuspair an Òrain

Tha e coltach gu robh tè a mhuinntir an Lagain, a bha ag obair mar bhanachaig ann an Cluainidh, mu cheithir mìle an iar air Bail' Ùr an t-Slèibh, agus mac fear de dh'uaislean Chlann Mhuirich, mac Fhir Bhreac-achaidh, ann an gaol le chèile. Cha robh seo idir a' còrdadh ri chuideachd-san agus chaidh an gille a chur air falbh dhan arm le a phàrantan gus nach fhaigheadh e cothrom a' bhanarach fhaicinn tuilleadh.

Nuair a thàinig am foghar is àm buain tha e coltach gu robh e na chleachdadh aig òigridh Bhàideanach a bhith a' dol dithis is dithis, balach is nighean, balach is nighean, airson gach iomaire a bhuain. Chaidh a' bhanarach bhochd chun na h-achadh-bhuana ach cha tigeadh gille air adhart airson a cuideachadh.

Le sin cha robh aice ach tòiseachadh a' buain an eòrna leatha fhèin agus bha e air a ràdh gun do chuir i crìoch air a' bhuain ro dhuine eile ged a bha càch, nan dithisean, a' cuideachadh a chèile.

Fhad 's a bha i a' buain bha i air a bhith a' dèanamh òran agus nuair a ràinig càch far an robh i na suidhe aig ceann na h-iomaire, thòisich i air an t-òran a sheinn.

Siud mar a bha an sgeulachd agus facail an òrain aig an t-Urr. Tòmas Sinton a rinn cruinneachadh de dh'òrain agus de bhàrdachd à Bàideanach a chaidh fhoillseachadh ann an 1906. Tha an t-òran ri fhaighinn an iomadh dreach agus uaireannan ma dh'fhaodte air a dhol an lùib òran eile. Seo na facail is trice a chluinnear.

Sèist / Chorus

Fàill ill ò agus hò ro eile
Fàill ill ò agus hò ro eile
Fàill ill ò agus hò ro eile
A fhleasgaich dhuinn nach ann dhuinn a dh'èirich.

Saoil sibh fhèin nach mi bha truagh dheth,
Feasgair foghair air achadh bhuana;
A h-uile tè 's a fear fhèin ri gualainn
'S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan.

Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shiùbhlainn fhèin leat,
Shiùbhlainn fada tro choill' nan geug leat;
'S nuair bha mi òg 's mi air bheagan cèille
Gur e do ghaol-sa a rinn mo lèireadh.

Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh,
Gheall m' athair buaile bhò dhomh;
'S ged gheibhinn siud 's an saoghal mòr leis
Gur mòr gum b' annsa leam gaol an òigeir.

Phiuthar ghaolaich dèan gu rèidh rium;
Cùm an crodh is na laoigh bho chèile;
'S ged ghabh mi 'm poca 's ged dh'iarr mi 'n dèirce,
Na cumaibh uam-sa mo rogha cèile.

Dè nam faicinn thu seach a' bhuaile?
Sgealb mi 'n cuman is thilg mi bhuarach;
Chuirinn fhèin mo dhà làimh mun cuairt dhut;
'S cò, a ghaoil, sin a chumadh uam thu?

Cinnidh sòbhraichean anns an earrach;
Cinnidh ùbhlan air bhàrr nam meangan;
Bheir siud am chuimhne-sa pòg mo leannain,
'S a h-uile tè dhiubh air bhlas na meala.

Seinneadairean / Performers

Iseabail Nic an t-Sagairt

Iseabail Nic an t-Sagairt

Rugadh agus thogadh Iseabail Nic an t-Sagairt ann an Ìle, air fearann an teaghlaich aig Ceann Tràigh, san ...

Fiosrachadh air Iseabail Nic an t-Sagairt / Learn more about Iseabail Nic an t-Sagairt

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.