Òran air a sgrìobhadh le: Sìne NicFhionnlaigh agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa, Mairead agus Donaidh MacLeòid, mairead nic a' phearsain, Màiri NicAonghais agus seonag nicIllEathain.
This is a song written by: Sìne NicFhionnlaigh and sung by: Anna Latharna NicGillìosa, Mairead agus Donaidh MacLeòid, mairead nic a' phearsain, Màiri NicAonghais and seonag nicIllEathain.
Sèist / Chorus
Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Fhir a' bhàta, na hò ro èile,
Mo shoraidh slàn leat 's gach àite an tèid thu.
'S tric mi sealltainn on chnoc as àirde
Dh'fheuch am faic mi fear a' bhàta;
An tig thu 'n-diugh no an tig thu màireach,
'S mur tig thu idir gur truagh a tà mi.
Tha mo chridh'-sa briste, brùite,
'S tric na deòiribh a' ruith om shùilean;
An tig thu nochd, no am bi mo dhùil riut
No an dùin mi an doras le osna thùrsaich?
'S tric mi faighneachd de luchd nam bàta
Am fac' iad thu, no 'm bheil thu sàbhailt;
'S ann tha gach aon aca rium ag ràdhtainn
Gur gòrach mise ma thug mi gràdh dhut.
Gheall mo leannan dhomh gùn dhen t-sìoda,
Gheall e siud agus breacan rìomhach;
Fàinne òir anns am faicinn ìomhaigh
Ach 's eagal leam gun dèan e dìochuimhn'.
Chan eil baile beag sam bi thu
Nach tàmh thu greis ann a chur do sgìos dhiot;
Bheir thu làmh air do leabhar rìomhach
A ghabhail dhuanag 's a bhuaireadh nìonag.
Ged a thuirt iad gun robh thu aotrom,
Cha do lughdaich siud mo ghaol ort;
Bidh tu 'm aisling anns an oidhche,
Is anns a' mhadainn bidh mi gad fhaighneachd.
Thug mi gaol dhut 's chan fhaod mi àicheadh;
Cha ghaol bliadhna, 's cha ghaol ràithe;
Ach gaol a thòisich nuair bha mi 'm phàiste,
'S nach searg a-chaoidh, gus an claoidh am bàs mi.
Tha mo chàirdean gu tric ag innseadh,
Gum feum mi t-aogas a chur air dìochuimhn';
Ach tha 'n comhairle dhomh cho dìomhain,
'S bhith pilleadh mara 's i tabhairt lìonaidh.
Tha mo chriosan air dhol an aìrde
Chan ann bho fhìdhleir no bho chlàrsair
Ach bho stiùireadair a' bhàta
'S mur tig thu dhachaidh, gur truagh mar tha mi.
Bidh mi tuille gu tùrsach, deurach,
Mar eala bhàn 's i an dèidh a reubadh;
Guileag bàis aice air lochan feurach
Is càch uile an dèidh a trèigsinn.

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais
Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gàidhlig agus caochladh chànain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.